Strì nam fineachan. Ionnsaighean nan Lochlannach. Spùinneadh mara.
Thoir sùil fo uachdar oirthir siar bòidheach na h-Alba agus gheibh thu eachdraidh a tha beò le dràma is cùilteireachd. Agus dè an dòigh is fheàrr air faighinn a-mach mu dheidhinn na turas air Cearcaill na Gàidhlig? |
Is e co-obrachadh a th’ann an Cearcaill na Gàidhlig eadar buidhnean a tha an-sàs ann an obair siubhail. Dh’adhbhraich an dìoghras a-thaobh gach nì a bhuineas do Ghàidhlig gun do chruthaicheadh sia Cearcaill – no tursan air ais ‘s air adhart – a’ toirt a-steach nan eilean bho Ìle mu dheas gu Leòdhas mu thuath agus mòr-thìr siar na Gàidhealtachd bho Cheann na Creige gu Ullapul.
Tha eachdraidh, àiteachan sònraichte agus a sgeulachdan fhèin aig gach Cearcall. Tagh do roghainn slighe agus leig leinn do thoirt air ais ann an tìm a rannsachadh an àite chudromaich a bh’aig Gàidhlig ann an eachdraidh Alba agus a tha aice fhathast anns an là-an-diugh. Bidh cuideachd cothram gu leòr ann gus tachairt ri aoigheachd ainmeil nan Gàidheal air do chuairt.
Tha an làrach-lìn seo air a dheilbh son gach nì a dh’fheumas tu aig toiseach tòiseachaidh a thoirt dhuit: sealladh farsaing air na sia Cearcaill Ghàidhlig, ceanglaichean gu fiosrachdh siubhail ùr-aimsireil agus, airson tuilleadh brosnachaidh, na tursan pearsanta aig sianar Albannach iomraiteach ‘s iad a’ siubhal timcheall aon de na Cearcaill.
Turas math…..
|
|
|
|