Cearcall: Na h-Eileanan Tarsainn |
Mar chearcall eileanan san rìoghachd mhara aca fhèin, tha na h-Eileanan Tarsainn – Ruma, Eige, Eilean nam Muc agus Canaigh – a’ coileanadh brìgh iomlan nam facal, ‘mar bhuidheann slàn’. Às bith, an ann mar tìr is muir a tha fillte ann an saoghal nàdair, no ri linn na h-eachdraidh cultaraich agus eaconomaich aca, no an lùib ghnothaichean làitheil ùghdarrasan ionadail ar linn-ne, tha na h-Eileanan Tarsainn nan sreath eileanan a tha dlùth cheangailte sna h-Eileanan a-staigh. Tha na h-Eileanan Tarsainn nan samhla do dhaoine air dè da-rìribh a tha Innse Gall a’ ciallachadh. Gu ìre mar thoradh air spreadhadh bholcànach – ’s math dh’fhaodte nì cho iongantach ’s a thachair ann an linntean fada sgeulachd nan creag – agus a dh’fhàg Eige agus Canaigh, dà chlàr làbha, air gach taobh de dh’fhuidhleach a’ bholcàno a tha air muin seann chreagan Ruma. Mairidh an cothlamadh de dh’ioma-fhillteachd chreagan seo fada air chuimhne air sgàth a bhòidhcheid iongantaich. Tha Sgùrr Eige, ag èirigh gu 1,339 troimhean a dh’àirde, na chomharra clach-eòlasach ann an ìomhaigh an eilein, mar a tha gluasad bholcànach snaidhte le eighshruthan, agus na cuilbh bhàsalta ann an cumadh phìoban òrgain nan laighe air na barraidean còmhnard ann an Canaigh, mar ailtearachd òrdaichte ann an tìr gharbh Innse Gall. Dh’fhaodadh duine siubhal feadh nan ‘Eilean Beaga’ no Small Isles, mar as fheàrr a dh’aithnichear iad ann am Beurla (’s e na h-Eileanan Tarsainn an t-ainm traidiseanta th’ orra sa Ghàidhlig) – ged nach eil iad cho beag sin ’s dòcha an coimeas ri cuid a dh’eileanan – ann an latha, ged a mholamaid gun cuir daoine eòlas orra air an socair! Chì sinn gu furasta iad air clàr na mara bho Àird nam Murchan no bho Mhachair Àrasaig. ’S iad sin na h-àiteachan as fhaisge air tìr-mòr far am faic duine, a tha a’ siubhal dhan iar, na h-Eileanan Tarsainn airson a’ chiad uair. Bho na h-àiteachan coimhid sin air tìr-mòr chan eil dad làmh-dhèante a’ cur bacadh air lèirsinn, agus tha seo a’ toirt cothrom aineamh dhan neach-siubhail sealladh làthaireach agus eachdraidheil fhaighinn air na h-eileanan, agus na h-aon chruthan-mara agus tìre fhaicinn ann an solas caochlaideach na grèine agus na stoirme agus a chunnaic luchd-tuineachaidh ro-eachdraidheil, na ciad mhiseanaraidhean Crìosdail no spùinneadairean na Lochlainn. ’S ann sna h-Eileanan Tarsainn a lorgadh cuid de na comharran a bu thràithe a tha a’ sealltainn nuair a thuinich daoine ann an Alba. Chaidh a dhearbhadh gu bheil làrach bho Linn na Cloiche os cionn Loch Sgrèasort ann an Ruma, air nach robh fios gus an do lorgadh i ann an 1983 tro obair-àiteachais, a’ dol air ais mu 9,000 bliadhna. Tha daoine air a bhith fuireach ann an Alba airson ùine mhòr agus tha arc-eòlas a’ sealltainn gur ann sna eileanan iomallach, fiadhaich seo sa Chuan Siar as fhaide a tha iad air a bhith fuireach. Chan eil na h-Eileanan Tarsainn iomallach nuair nach eil càr a dhìth ort, no cho fiadhaich sin nuair a thàlaidh iad luchd-tuineachaidh thuca cho tràth. Feumaidh gu robh na h-Eileanan Tarsainn freagarrach dhan dòigh-beatha ro-eachdraidheil. Bhiodh daoine bho Linn Eadar-mheadhanach na Cloiche a’ sealg, ag iasgach agus a’ cruinneachadh an àite a bhith a’ fàs bàrra, agus bhiodh iad a’ dèanamh innealan mairsinneach le faobhar geur à cloich. Chleachdadh Clach-fala, clach uaine le spotan dearga coltach ri cloich-èiteig, cho math ri adhaircean fèidh agus cnàmhan gus innealan a dhèanamh, agus feumaidh gu robh na stuthan seo a’ dèanamh nan eilean iongantach seo air leth tarraingeach. A rèir clàr-ama nam bàtaichean-aiseig a tha air a bhith stèidhichte o chionn fhada, tha ar turas tro na h-Eileanan Tarsainn a’ leantainn na grèine – deiseil air gach nì, mar a tha an seanfhacal ag ràdh – agus tha sinn a’ fàgail Mhalaig a’ dèanamh air Eilean nam Muc, a’ chiad fhear de na h-Eileanan Tarsainn air am bi sinn a’ tadhal. ’S e Eilean nam Muc am fear as lugha de na h-Eileanan Tarsainn, agus e às aonais iomallachd Chanaigh, greadhnachas Ruma agus dràma eilean Eige. Tha Eilean nam Muc, le a nàbaidhean mòra air a chùl, mar shàsar mòr air a’ bheul-fodha. Tha e dà mhìle a dh’fhaid agus mìle a leud, le mu dheich duine thar fhichead a’ fuireach ann, agus tha tuathanas an eilein sìos gu oir na mara. A rèir an Deadhain Dòmhnall Rothach, a thadhail air an eilean ann an 1549, bha e ‘callit in Irish Ellan na muc, callit in Inglish the Swines Isle ...’ – ‘Island of Pigs’ or ‘Island of Whales’? Ann an linn nuair a bha biadh na bu teirce, chanadh iad ‘Muicfheòil na Mara’ ri feòil mhucan-mara – tha beagan teagamh ann an ainm an eilein. Chunnaic sinn muc ana-mhòr dhubh ann an Eilean nam Muc, toilichte sa choille bhig aice fhèin, an impis uirceanan beaga a bhreith agus na chùis-iongnaidh do mhuinntir an àite. Feumaidh gu robh tràighean Eilean nam Muc agus iad ag aomadh gu socair chun na mara, na h-eòin mhara, agus am maorach a bha fios aca a bheireadh bith-beò dhaibh air leth tarraingeach dhan chiad daoine a thuinich air an eilean, a bha a’ coimhead a-mach bho na h-uaimhean aca air tìr-mòr, daoine a bhiodh a’ sealg agus a’ tional agus a bha ‘g iarraidh dachaigh ùr. ’S dòcha gu robh soillse choisrigte na spioradaileachd mu thràth a’ cuairteachadh nan eilean seo ri linn na tèarainteachd a bha nan còir mus do shuidhich clèirich bho Eilean Idhe iad fhèin tràth ann an Eilean nan Muc, eilean air an do ghabh Eilean Idhe sealbh bhon t-seachdamh linn, agus mar thoradh air an oighreachd sin chìthear dà thursa agus cladh ri taobh a’ chidhe. Às dèidh sin thàinig na Lochlannaich, mar bhras-shruth sìos cost an iar na h-Alba, agus a h-uile teans gu robh uisge agus talamh a dhìth orra, agus bhiodh iad air sealladh de rèidhlean ìseal gorm fhaicinn a bha cho tarraingeach agus deiseil airson àiteach. ‘...ane very fertile frutfull Ile of cornis and girsing (grass, hay) for all store.’ Bha an Deadhan Rothach ceart leis na thuirt e. Mar as trice, chan eil e furasta bàrr àiteach ann an Innse Gall. ’S ann gu math cugallach a tha obair an fheòir, ach tha Eilean nam Muc eadar-dhealaichte. San ochdamh linn deug, agus sluagh an eilein cho àrd sa bha e riamh le trì ceud duine ann, bha muinntir an eilein trang ri às-mhalairt a’ cur air falbh eòrna, coirce, buntàta agus crodh. An-diugh, thathar ag àrach uain san eilean a tha barraichte agus blasta airson a’ mhargaidh ionadail. Ràinig sinn Eilean nam Muc air latha uairidh teth san Iuchar. Cha robh an cidhe ùr air a thogail fhathast. Bha a’ mhuir gorm agus soilleir. Bha muir-tràigh ann. Thàinig bàta-giùlain an eilein, The Wave, a-mach gar coinneachadh. Chaidh sinn air bòrd agus theann sinn ris an eilean gus an robh am bàta anns an tanalaich, agus cha robh roghainn againn ach ar cuid a thogail, casan ar briogais a thrusadh, agus grunnachadh san uisge, dìreach mar a rinn daoine bho Linn Nuadh na Cloiche, na manaich Cheilteach agus na Lochlannaich threuna romhainne. Air tìr, bha am bàrr a’ lùbadh sa ghaoith shocair. Chaidh luchd mòr feòir seachad oirnn air an rathad. Ann an gàradh an Taigh-aoigheachd, bha càl dorcha uaine a’ dlùth-fhàs. Dh’aithnicheadh Deadhan Rothach a h-uile rud sin ann an 1549. Air ais nar linn fhèin, chunnaic sinn, bho dheic a’ bhàta-aiseig, iad a’ caitheamh nam pocanan puist air bòrd an toiseach, agus an uair sin buidheann a bha air a bhith sealg le gunnaichean a’ tighinn air bòrd gu h-ain-deònach às dèidh dhaibh trì latha sona a chur seachad a’ sealg easagan, chearcan-thomain, thunnagan agus chearcan-coille. Tha easagan gu leòr air fhàgail às dèidh an t-seusain. Tha eòin bheaga ri mire am measg a’ bhàrr a chaidh a chur leis na geamairean agus ri taobh na h-acfhainn biathaidh, tha tunnagan a’ gàgail sna lòin agus tha barrachd iolairean agus chlamhanan nan cearc na bh’ ann riamh. Tha an taigh-òsta ga chumail fosgailte nas fhaide am-bliadhna. Ach mar a thuirt Màrtainn Màrtainn, an duine iomraiteach a shiubhail tro Innse Gall: ‘The hawks in the rocks here are reputed to be very good ...’ agus iad a’ tarraing cearcall socair os ar cionn ann an iarmailt neo-chrìochnach nan eilean. ‘If I had to choose among the Hebrides – and I find it desperately difficult to do so – I choose Eigg.’ ’S e sin a sgrìobh am bàrd, Ùisdean MacDiarmaid. Bhon mhuir, ’s e a’ chiad rud a chìthear air Eige an Sgùrr mòr, am pìos as motha dhen chreig bholcànach pitchstone ’s a tha am follais ann am Breatainn, fuidhleach dorcha, lìomhte bholcàno le cuilbh làbha nas buige air gach taobh. Air sgàth ’s cho cudromach sa tha suidheachadh an eilein agus cho lèirsinneach ’s a tha e don t-sùil, b’ ann tric a bha Eige air a bhogadh ann an sruth fada eachdraidh na h-Alba. Bàird, sagartan, spùinneadairean agus luchd-poilitigs, thug iad uile buaidh air an eilean. B’ ann an seo, air an eilean ghoireasach eadar Eilean Idhe agus tìr-mòr, a stèidhich an Naomh Donnan, an deisciobal aig Naomh Calum Chille, eilthir agus fios aige gu robh an t-eilean fo ùghdarras pàganach; ach mharbhadh e mar mhartarach air 17mh dhen Ghiblean 617 le buidheann spùinneadairean a fhuair òrdan bho thìr-mòr. “Sa chinneas am feur air àirigh Donnain, Òran: ‘Aodann Corrabheinn’ Air a chruinneachadh le Coinneach MacLeòid bho Chiorstaidh NicFhionghain, Eige, mu 1905. Feumaidh gur e tàladh mòr a bh’ anns an Sgùrr don luchd-tuineachaidh a thàinig an toiseach a dh’Eige ann am bàtaichean sìmplidh agus don fheadhainn a thàinig sna linntean às an dèidh, b’ ann air leth cudromach a bha e mar àite-faire aig amannan èiginneach far am faicte soitheach sam bith, às bith dè bhiodh nan rùn. Thàinig Ùisdean Miller, an clach-eòlaiche agus ministear san Eaglais Shaoir, a dh’Eige air bhòidse sna 1840an sa Bhetsy, am mansa-mara aige, a dhèanamh sgrùdadh air a’ bheairteas fhosailean a bha san eilean. San latha an-diugh, nuair a tha am bàta-aiseig a’ seòladh a-mach às a’ Phort Mhòr a’ dèanamh air Eige, tha an neach-siubhail, a’ leigeil a thaic air an rèile, a’ faicinn beanntan mòra Ruma agus Chanaigh, dìomhair is cian air fàire. An ath rud tha creagan Eige a’ teannadh ort agus tha feur gorm Tuathanas Chill Donnain a’ nochdadh air an deas-bhòrd. An-diugh, tha an cidhe ùr a’ tighinn am fianais, a chaidh fhosgladh ann an 2004 agus sin a’ ciallachadh crìoch nam bàtaichean-giùlain. Nar n-inntinn fhèin, tha sinn fhathast a’ faicinn an t-sluaigh thartmhor a chuir fàilte oirnn a’ chiad turas a thadhail sinn, agus iad a’ smèideadh rinn nar bàta bho sheann chidhe Chlann Raghnaill agus nar cuimhne tha iad fhathast a’ tighinn air bòrd airson drama. Air taobh eile an eilein, ann an àite bog fo sgìre ris an canar Lathaig, lorg na Lochlannaich fasgadh a bha feumail. Dh’fhàg iad na bàtaichean aca an seo sa gheamhradh, agus chleachdadh iad fiodh bhon choille, a chaidh a leagail o chionn fhada; ach rinneadh oidhirp a-rithist craobhan a chur. Fhuaras claigeann-toisich bàta an seo, a bha air a dheagh-shnaigheadh agus a bha a’ nochdadh sàr sgilean togail bhàtaichean, agus fhuaras ceann claidheimh eireachdail de dh’umha, a tha a-nis sna Taighean-tasgaidh Nàiseanta, ann an uaigh ghaisgich Lochlannaich, anns an robh tasgadh prìseil, faisg air Rinneadh strì, mu dheireadh thall, an aghaidh mar a bha Rìghrean Nirribhidh a’ cumail a-mach gu robh sealbh aca air na h-Eileanan Siar sna 1130an le Somerled, agus stèidhich a shliochd ‘rìoghachd’ taobh a-staigh Rìoghachd na h-Alba. B’ ann aig Cill Donnain ann an 1386 a ghabh Dòmhnall Rìoghachd nan Eilean os làimh, a chaidh a sheulachadh le Càirt Rìoghail le Rìgh na h-Alba. Agus b’ ann cuideachd ann an Eilean Eige a ghairm Dòmhnall Dubh, am fear mu dheireadh dhen t-sliochd sin, cruinneachadh gus fuasgladh fhaighinn air strì a bha a’ dol eadar na h-Eileanaich. Às dèidh nan cogaidhean Seumasach, cha b’ e tèarmann ach ribe a bh’ ann an Eige nuair a thug oifigearan Deòrsach dìoghaltas air luchd-leanmhainn a’ Phrionnsa Teàrlach. Cha robh nàmhaid air tighinn gu tìr ann an Eige fad 800 bliadhna ron seo. Deich thar fhichead bliadhna às dèidh a’ challa seo, bha Raghnaill MacDhòmhnaill, Fear Lathaig, a’ tional saothair athar, Alasdair MacMhaighstir Alasdair, agus ga cur ri chèile mar a’ chiad chruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig ann an clò, a th’ againn an-diugh mar an ‘Eigg Collection’. Tuath air Bàgh Lathaig, aig Camas Sgiotaig, tha ‘a’ Ghainmheach Cheòlmhor’ no ‘the Singing Sands’. ’S ann bho chloich-ghainmhich ionadail bhon Linn Jurassic a thàinig i, ach ’s e as coireach gu bheil ceòl innte an uiread de shilice a th’ anns a’ ghainmhich, na gràinneanan cruinn agus an ìre shònraichte de bhruthainneachd. Fo chuideam tha gainmheach mar seo a’ dèanamh fuaim, a tha cho dìomhair sa bha e riamh. Dìreach mar a’ mhuir-làn is a’ mhuir-tràigh, tha sluagh an eilein air èirigh is traoghadh. Às dèidh Bliadhna Theàrlaich, thàinig buntàta an àite coirce is eòrna. Fhuaras beagan faochaidh bhon bhochdainn le bhith losgadh feamainn gus ceilp a dhèanamh, ach a-mach à 500 duine a bha a’ fuireach ann an Eige ann an 1801, cha robh ann ach leth dhiubh sin air fhàgail ann an 1900. Dh’fhàg na ceithir teaghlaichean deug a bha a’ fuireach ann Grùlainn, baile fon Sgùrr, ann an 1853. Dh’fhalbh agus thàinig sealbhadairean mar làn na mara cuideachd. Tha mu 50 duine a-nis a’ fuireach ann an Eige, agus iad a’ sùileachadh ann an ùine nach bi fada dealain ceart bho chumhachd ath-nuadhachail agus leasachaidhean an lùib taigheadais air an eilean. Dh’fhaodadh gu bheil iad an impis an cearcall fhaicinn slàn, le àireamh an t-sluaigh a’ freagairt air an stòras, agus gu cinnteach thig bòidhchead à nithean beaga. Tha fhios gur e Ruma an t-eilean as drùidhtiche agus a tharraingeas barrachd aire na gin de na h-eileanan a-staigh. Chan eil ciall an ainm, Ruma no Eilean Ruma, cinnteach, agus thathar ag ràdh gur iad na daoine leis an robh an t-eilean ann an linn Bhictoria a chleachd an ‘h’ a chite san ainm ann am Beurla mar ‘Rhum’ uaireannan, air chor ’s gum biodh eadar-dhealachadh ann bhon deoch-làidir leis an aon ainm. Dh’aithnich daoine gu robh seo caran faoin, agus chaidh aontachadh gu h-oifigeil gum bu chòir cur às dhan litreachadh seo agus a dhol air ais gu ‘Rum’. Tha cumadh an eilein bhon adhar mar thrapìseach agus far as leithne e, tha e beagan a bharrachd air ochd mìle tarsainn. Tha a’ mhòr-chuid dhe corrach le beanntan àrda, agus sin ga fhàgail cho follaiseach air uachdar na mara; tha trì de na beanntan as motha còrr is 2,500 troigh a dh’àirde agus tha an tè as àirde, Asgabhal, 2,659 troighean a dh’àirde. Tha ainmean Lochlannach air binneanan àrda eile mar Barcabhal, Allabhal, Trollabhal agus Ruinseabhal ag innse dhuinn gu robh na cumaidhean tìre ana-mòr seo mar chomharran treòrachaidh don a leithid a dhaoine a bha a’ siubhal na mara. Bho 1957, tha Ruma air a bhith na Theàrmann Nàdair Nàiseanta nuair a ghabh Comhairle Glèidhteachais Nàdair (leis an ainm Dualchas Nàdair na h-Alba a-nis) sealbh air an eilean agus e na amas dhaibh àrainneachd an eilein a chàradh gus an robh i mar a bha i mus deach coille àrsaidh an eilein a sgrios. Bha còmhdach beag chraobh fhathast ri fhaicinn an siud ’s an seo, agus le bhith ag ath-nuadhachadh na coille chuireadh giuthas Albannach, beithe, feàrna, critheann agus darach. Cheannaich an riaghaltas agus tùsairean glèidhteachas nàdair ann am Breatainn an t-eilean bho Urrasan an Ridire Seòras Bullough; b’ ann le a theaghlach a bha e bho 1886 agus bha iad ga chumail mar frìth. B’ ann aig teis-meadhan na linn acasan, eadar 1900-1902, a chaidh an t-aitreabh mòr iongantach Caisteal Ceann Loch a thogail, aig ceann Loch Sgrèasort, le clach-ghainmhich ruadh bho Àrainn. Chithear an togalach anabarrach seo bhon a’ bhàta-aiseig agus i a’ tighinn a-steach chun an eilein. Gheibhear aithrisean tràtha mu Ruma san leabhar ‘Description of the Western Isles of Scotland’ bho 1549 leis an Deadhan Rothach, agus san leabhar gun urra bho 1595 ‘Description of the Isles of Scotland’, agus ann an ‘Ane Description of Certaine Pairts of the Highlands of Scotland’ a nochd mu 1630. Tha na trì cunntasan seo a’ toirt dealbh cuimseach mionaideach agus beachd air an eilean agus na daoine, agus tha iad ag aontachadh mu ghrunn phuingean cudromach. Tha iad a’ sealltainn dealbh dhuinn dhen t-suidheachadh ann an Ruma anmoch sna Meadhan Aoisean. Tha iad ag aontachadh gu bheil an t-eilean mòr agus gu bheil tòrr bheanntan ann. Bha sluagh an eilein beag, a’ mhòr-chuid dhiubh a’ fuireach ann an dà bhaile le feannagan ann, aon choimhearsnachd aig Cille Mhoire agus tèile aig Gleann na Hearadh san ear-dheas. Ann an 1595, bhathar ag ràdh nach robh ann ach sianar no seachdnar fhireannach ann an Ruma a bhiodh comasach air a dhol a chogadh. An coimeas ri seo, bha deich thar fhichead ann an Canaigh agus sia deug ann an Eilean nam Muc. A’ coimhead air meudachd eadar-dhealaichte nan Eilean Tarsainn, tha sinn a’ faicinn gu robh Eilean nam Muc comasach air barrachd ’s a dhà uiread de dhaoine a chur a chogadh ged a bha Ruma pìos mòr nas motha. Bha àireamh mhòr de dh’fhèidh ann an Ruma a rèir an Deadhain Rothaich ann an 1549. Dheigheadh an glacadh agus am marbhadh le bhith gan ruagadh, ’s dòcha le coin-sheilge, a-steach gu ‘tynchellis’ no eileirig, dèante le gàrraidhean cloiche. Bha seo mus robh gunnaichean gan cleachdadh air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan. Bhiodh iad a’ marbhadh eun reamhar sònraichte cho mòr ri calman sna beanntan as t-Earrach, ‘mun Bhealltainn’ (tràth sa Chèitean): feumaidh gu bheil e a’ bruidhinn mu fhachach an seo. Tha am fachach, a’ ciallachadh ‘am fear beag reamhar’, a’ cur seachad a bheatha aig muir, ach thig e gu tìr airson tàrmachadh. Tha na colonaidhean aca ann an Ruma, an fheadhainn as motha air an t-saoghal, ann an tuill a tha ann an talamh còmhnard shuas gu h-àrd air na beanntan. Le mìltean dhiubh a’ neadachadh a h-uile bliadhna, ’s e am fachach an t-eun as pailte agus as cudromaiche a tha a’ tàrmachadh ann an Ruma. Am measg nan eun-mara eile ann an Ruma tha an langaid, am mulcaire agus an ruideag. Chaidh Iolaire Sùil na Grèine, a chleachd a bhith a’ neadachadh ann an Ruma, à bith san eilean ann an 1912 air sgàth sealg. Chaidh an gnè eòin seo a thoirt air ais dhan eilean ann an 1975, agus shoirbhich gu mòr leotha le bhith gleidheadh an eòin seo. B’ ann an Ruma a thachair rud san ochdamh linn deug, a tha a’ cur nar cuimhne mar a rinn an Eaglais Stèidhichte oidhirp obair an Ath-leasachaidh a thoirt gu buil air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan. Bha iad gu sònraichte ag amas air sgìrean far an robh sagartan Caitligeach agus miseanaraidhean air a bhith ri obair an t-soisgeil sa cheud ron sin agus far an robh na bu mhotha de thaic do na Rìghrean Stiùbhartach a bha air am fògradh. A rèir choltais, dh’iarr an t-uachdaran, Eachann MacIllEathain à Colla, ann an 1726 air sluagh Ruma air fad a dhol do na seirbheisean saor-chlèireach san eilean. Bhathar ag ràdh gum biodh e a’ bualadh duine sam bith nach gèilleadh le bata, ris an cante am bata buidhe, agus e gan iomairt a-steach dhan eaglais; mar thoradh air seo chanadh daoine san sgìre bhon shin a-mach ‘creideamh a’ bhata bhuidhe’ ri creideamh nam Pròstanach. Aig deireadh na h-ochdamh linn deug, nuair a nochd an Seann Chunntais Staitisteal (1794), cha robh gin a dh’fhèidh air fhàgail. Bha àireamh an t-sluaigh faisg air 450, ach feumaidh gu robh an sluagh sin gu math dùmhail air Air mhàl mar aon thuathanas chaorach mòr, mean air mhean chaidh na daoine a bha air fhàgail fhògradh bhon eilean. Sna 1840an, nuair a cheannaich Marcas Salisbury Ruma, thugadh fèidh ruadh dhan eilean bho thìr-mòr agus stèidhicheadh an cleachdadh far an robh Ruma na Oighreachd Seilge, mar chuimhne leibideach air an t-seann ainm Ghàidhlig airson an eilein, Rìoghachd na Foraiste Fiadhaich. Tha Canaigh, mar sheud am measg eileanan Innse Gall, iar-thuath bho a nàbaidh as fhaisge, Ruma. ’S e th’ ann an Canaigh cearcall eile de dh’eileanan beaga, le fear no dhà air an iomall mar Humla agus an taigh-solais air Òigh-sgeir, ach cuideachd tha an t-eilean mòr Sanndaigh ann a tha a’ cur fàilte oirbh agus gur dìon bhon ghnàth-ghaoith fhad ’s a tha sibh a’ seòladh a-steach gu Canaigh. Tha caolas cumhang eadar Sandey (seann Lochlanais a’ ciallachadh ‘eilean gainmheach’) agus Canaigh, a tha cha mhòr air a thraoghadh nuair a tha muir-tràigh ann, agus tha a’ bhuaile mhara seo eadar an dà eilean mar theàrmann bho gach stoirm is gailleann, a tha a’ fàgail Canaigh mar cheann-uidhe air leth tarraingeach agus sàbhailte do luchd-siubhail na mara. Mar thoradh air a’ cho-nasgadh seo eadar Canaigh agus Sanndaigh tha caladh brèagha ann air a chuairteachadh le talamh-àitich, taighean, eaglaisean agus toglaichean tuathanais. Air an cur air na leathadan tha giuthas, learag agus craobhan ‘cruaidh-fhiodh’ a tha nas sine – craobh-shice, leamhan, craobh-shiris, sgitheach, uinnseann agus droman. Tha planntrais a sheasas ris na siantan a’ cur beagan dath ri agus a’ sgeadachadh cruth-tìre a tha air a sguabadh leis a’ ghaoith agus sàl na mara. Bho 1938, bha Canaigh na dhachaigh aoigheil don dithis sgoilearan Gàidhlig, An t-Ollamh Iain Latharna Caimbeul (Fear Chanaigh), agus a bhean, Mairead Fay Sheathach. Ann an 1981, thug iad seachad na h-eileanan, an tuathanas agus na croitean, cuide ris na leabharlannan aca fhèin, pàipearan agus làmh-sgrìobhainnean sgoilearach, agus tasglann de chlàraidhean do dh’ Urras Nàiseanta na h-Alba a tha a-nis gan cumail agus gan stiùireadh, às leth na coimhearsnachd agus a’ leantainn na feallsanachd a bh’ aig na Caimbeulaich, gum bu chòir beairteas nàdair agus dualchais nan eilean a bhith air an gleidheadh san sgìre dham buin iad. ’S e a th’ ann an stòras eachdraidheil, dualchasach agus sgoilearach Chanaigh is Shanndaigh co-chruinneachadh de shaibhreas nan Gàidheal a tha gun chosamhail ann an Eileanan Bhreatainn. B’ e obair thùsail a bha an t-Ollamh Caimbeul ris nuair a thòisich e a’ clàradh òrain agus sgeulachdan Gàidhlig, agus e a’ tòiseachadh ann am Barraigh ann an 1934, chruinnich e mu 1,500 mith-òran Gàidhlig agus 350 mith-sgeul. Tha cothroman sgoilearach air leth an lùib an leabharlainn, an tasglainn, agus nan clàraidhean fhèin. Fuirichibh ann an Canaigh agus Sanndaigh mas urrainn dhuibh, agus drùidhidh iad oirbh mar a dhrùidh iad oirnne le bhith a’ cur eòlas orra beag air bheag thar nam bliadhnaichean. Tha iad torrach agus chì sibh cruth-tìre prìseil ro-eachdraidheil bhon Linn Umha agus an Linn Iarainn. ’S ann bho linntean Ro-Chambria chun an latha an-diugh a tha na creagan, agus tha iad air an sgeadachadh le planntrais agus ainmhidhean a tha a’ tighinn beò ann an sìde eadar-mheadhanach ri taobh na mara. Chaidh Canaigh a chruthachadh san Treasamh Linn Bholcànach agus tha àrd-chlàran brèagha san eilean air muin cuilbh bhàsalt caithte le deigh, a’ mhuir agus an t-sìde, agus tha tràighean àrda ann. Tha cruth-tìre nan eilean seo – a’ toirt fianais air bailtean bho na meadhan aoisean, daingnichean nas ùire mar an fheadhainn aig a’ Chorra Dhùn, agus làraich creideimh mar ‘Sgor nam Ban Naomha’, agus rudan eile a chaidha thogail nas fhaisge air ar linn fhèin mar na h-àmhainnean ceilp – a’ toirt dhuinn aon de na dealbhan as coileanta a th’ againn air eachdraidh Iar-thuath na h-Alba, air am faodar siostam a stèidheachadh airson deitichean ann an arc-eòlas agus eachdraidh, gu h-ionadail agus san sgìre air fad. Tha a’ chlachaireachd bho thràth san linn Chrìosdail agus an làrach mhanachail aig a’ Chille, coisrigte don Naomh Calum Chille, a’ comharrachadh gu robh feadhainn de na ciad mhiseanaraidhean Crìosdail a’ fuireach ann an Canaigh agus ’s dòcha Calum Chille fhèin san t-siathamh linn. Chaidh beul-aithris ionadail a tha a’ ceangal Calum Chille ri Canaigh a chruinneachadh tràth san t-seachdamh linn deug. Chithear comharran air Canaigh is Sanndaigh gu robh daoine a’ fuireach annta bho ro linn nan Lochlannach, tro riaghladh Tighearnan nan Eilean agus Chlann Raghnaill, gu Fuadaichean na naodhamh linn deug gun abhsadh. Tha comharran air leasachaidhean a thaobh àiteachais agus iasgaich agus mar a dh’èirich cultar sòisealta eile mar thoradh air croitearachd bho thràth san naodhamh linn deug fhathast gu math follaiseach. Gheibh an neach-siubhail sealladh slàn air dualchas agus dòigh-beatha na Gàidhealtachd agus Innse Gall sna h-eileanan seo. Neo-fhaicsinneach dhan t-sùil ach ag èigheach bho bheul-aithris nan Gàidheal tha an ùine a chuir Alasdair MacMhaighstir Alasdair seachad sna h-eileanan seo, am bàrd Gàidhlig as ainmeile a th’ ann. Mu 1750, ann an àite fasgach faisg air a’ mhuir far am faiceadh e Ruma, thathar ag ràdh gun do chruthaich Alasdair MacMhaighstir Alasdair an t-euchd-dhàn ‘Birlinn Chlann Raghnaill’, a tha a’ cleachdadh turas-mara birlinn a chinn-chinnidh bho Uibhist a Deas, seachad air na h-Eileanan Tarsainn gu Carraig Fhearghais air costa Aontraim mar shamhla air caran an t-saoghail. A’ cur crìoch air a’ chearcall tha an neach-siubhail a’ tilleadh seachad air costa iar-dheas an Eilein Sgitheanaich, Rubha Shlèite agus a-steach gu Malaig. Tha sibh ann an saoghal fa leth, fa chomhair fàire a tha daonnan ag atharrachadh fo sholas caochlaideach gach latha agus seusan, am fianais tìr, muir agus iarmailt a mhùthas fo bhuaidh na sìde luasganaich. Sgrìobhadh an liuthad a dh’fhaclan mu eileanan Innse Gall, gu sònraichte sa cheud bliadhna a dh’fhalbh agus cuid a’ toirt dhuinn dealbh mhionaideach agus dealbh nas fharsainge; tha e coltach nach eil aon chùil air fhàgail nach fhaca no air nach do sgrìobh duine. Ach bidh neach-siubhail an-diugh fhathast a’ gabhail toileachas nuair a leagas an sùil orra agus tha an dìomhaireachd fhathast gur cuairteachadh, agus bu chòir am facal mu dheireadh a bhith aig na Gàidheil. Tha òran a chaidh a chruinneachadh ann an Uibhist ann an 1893 a’ sealltainn na spèis shònraichte a bh’ aig sluagh Innse Gall do na h-Eileanan Tarsainn: “Nam bithinn-sa roinn an fhearainn, |