Cearcall: Cuairt phearsanta à Tiriodh don Òban |
’S e Tiriodh an t-eilean as fhaide siar de na h-Eileanan A-Staigh, ’s e na laighe mu dheich mìle fichead an iar air Rudha Àird nam Murchan. Mas e ’s gu bheil daoine ann nach eil eòlach air na h-àirdean stiùiridh sin, bidh e beagan nas fhasa dhaibh suidheachadh Thiriodh a thuigsinn ma bheir iad fa-near gu bheil neach-siubhail sam bith a tha a’ gabhail an aiseig an-diugh às an Òban do Thiriodh a’ seòladh an-iar thuath, ’s am bàta a’ gabhail tro Chaol Muile cho fada ri Tobar Mhoire, agus an uair sin a’ tionndadh an iar gu Colla is Tiriodh. Chìthear Rudha Àird nam Murchan san ear-thuath. Am bitheantas, bidh am bàta a’ stad ann an Colla an toiseach, agus an sin a’ togail oirre do Thiriodh. Uile gu lèir, bidh an turas a’ mairsinn mu cheithir uairean an uaireadair, agus an turas eadar Colla is Tiriodh beagan fo uair a thìde. ’S e sin cùrsa air a bheil mise gu math eòlach, bhon a tha mi air a bhith ga ghabhail uair sa bhliadhna co-dhiù fad lethcheud bliadhna is barrachd. Thogadh mi air croit ann an ceann an ear Thiriodh, ann am baile a’ Chaolais, dìreach mu choinneamh eilean Cholla. B’ i a’ Ghàidhlig mo chainnt mhàthaireil, agus b’ i a’ Ghàidhlig cainnt làitheil na croite agus na coimhearsnachd. Bha mi fhìn ’s mo phàrantan a’ fuireach còmhla ri teaghlach mòr de luchd-dàimh a bha air tighinn gu aois, ’s iad uile air solas an latha fhaicinn anns a’ cheathramh mu dheireadh den naoidheamh linn deug, ’s Gàidhlig eireachdail aca. B’ iadsan a bhiodh a’ cumail àbhachdas na h-òige rium, ’s gun sgeul idir air na bliadhnachan mòra a bha gar sgaradh a thaobh aoise. Chuala mi aca am pailteas de sgeulachdan Gàidhlig, criomagan de dhàin ’s de dh’òrain, gnàthsan-cainnte èibhinn agus sean-fhacail eirmseach. Gu dearbh, chruinnich bràthair mo sheanmhar, Teàrlach, a thug a-mach a cheàird mar shaor-bhàtaichean, stòras brèagha de shean-fhacail Thirisdeach. Gus an robh mi sia bliadhna deug, fhuair mi mo chuid sgoile foirmeil ann an Tiriodh, an toiseach ann am bun-sgoil Rubhaig (a tha a-nise air a roinn na taighean-còmhnaidh) agus an sin ann an Sgoil Dàrna Ceum Chòrnaig Mhòir (Ard-Sgoil Thiriodh san latha th’ ann). Ann an 1965 chaidh mi do dh’Ard-Sgoil an Obain, ’s às a sin chaidh mi do dh’Oilthigh Ghlaschu agus do Chambridge, ach b’ e an t-ionnsachadh a b’ fheàrr a fhuair mi riamh an t-oideachadh a thug mo sheana chàirdean ann an Tiriodh dhomh, ’s iad mion eòlach air dualchas na Gàidhlig. Ghabh mi mo chiad turais à Tiriodh gu tìr-mòr nuair a bha mi mu dhà bhliadhna a dh’ aois, nuair a chunnaic mo mhàthair gun robh ‘fiaradh’ nam shùil chlì. Air an adhbhar sin, b’ fheudar dhomh Ospadal nan Sùl ann an Glaschu a fhrithealadh gu cunbhalach gus an robh mi mu dhusan bliadhna a dh’aois. Mar phàirt den leasachadh, bha agam ri tìogaran a chur nan gainntirean, agus carbadan nan garaidsean, le bhith a’ cleachdadh inneal a bha a’ ceadachadh dhomh na frèamaichean a ghluasad gus am biodh iad a’ co-fhreagairt air a chèile. B’ fheudar dhomh cuideachd fàs cleachdte ri moch-eirigh, maidnean reòta agus tinneas-mara, ach bha na bàtaichean fhèin nan èirig phrìseil airson gach cruadail. Chan eil cuimhne agam idir air mo chiad turais air a’ bhàta-smùide Lochness, ach nuair a thàinig mothachadh thugam air mo thurais an toiseach, bha mi a’ toirt fa-near gach nì a bhuineadh do na bàtaichean air an robh mi a’ seòladh. Bha iadsan fada na bu taitniche leam na na tìogaran agus na carbadan, agus bu mhath a b’ fhiach iad am ‘fiaradh’ a bha nam shùil. Tha mo chiad chuimhneachain air an snìomh anns an Lochearn aig Dàibhidh Mac a’ Bhriuthainn, bàta-motair air leth màirnealach a chaidh a togail ann an 1930, ’s a bhiodh a’ plumadh ’s a’ plubadaich eadar an t-Òban is Tiriodh, ’s air uairean a’ gabhail cho fada ri sia uairean a thìde air an t-slighe a-muigh. Ach, mar a bhiodh mo chàirdean anns a’ Chaolas ag innse dhomh, bha i fada fichead uair na b’ fheàrr na am Plover ’s an Dirk a bhiodh a’ frithealadh an eilein aig aon àm. Uaireannan, thigeadh ormsa is air mo mhàthair cuid oidhche a ghabhail air an Lochearn, agus fairichidh mi fhathast an teas agus an cuingealachdh a bha a seòmraichean-cadail beaga ag adhbharachadh – agus chan ann air luathas a dhìochuimhnicheas mi an dearg eagal a bha air mo mhàthair gun nochdadh na creutairean beaga criomach a bhiodh a’ còmhnaidh nam broinn! Ann an 1955 thàinig an Claymore thugainn an àite an Lochearn. Chaidh an Claymore a thogail le Denny, ’s bha i gu math na b’ fhaisge air feumalachdan an ama, agus comasach air dusan mìle mara san uair, ach bha i cuideachd air a sònrachadh le critheanaich eagalach a bha a’ toirt dùbhlan do neach sam bith a bhiodh a’ feuchainn ri cadal no fois fhaighinn na seòmraichean. Bhiodh a’ chritheanaich seo a’ sìor dhol an dèinead gus am biodh gach nì a’ crathadh, agus an sin a’ sìoladh air ais gu sàmhchair, a’ mealladh an luchd-aisig gu bhith a’ creidsinn gun robh an dòrainn aig ceann. A dh’aindeoin sin, ’s e bàta snasail a bh’ anns a’ Chlaymore, agus bha i comasach ann am fairge, gu math na bu chomasaiche na an Lochearn spleogach, agus mar a bu trice ruigeadh i Tiriodh an taobh a-staigh de chòig uairean an uaireadair. Bhiodh an Claymore a’ frithealadh Thiriodh is nan Eileanan A-Muigh bhon Òban gu timcheall air 1973. B’ ise am bàta a b’ fheàrr leam seach gach tè a bh’ ann riamh, agus, a dh’aindeoin gach neònachais a bh’ innte, ’s i as fheàrr leam fhathast. Bhithinn air mo dhòigh air na turais sin nuair a gheibhinn cuireadh chun na drochaid bhon sgiobair aice, an Caiptean Teonaidh C. MacFhionghain, MBE, Tirisdeach a bha mise a’ meas mar mo churaidh-mara sònraichte fhìn. ’S e sgeulaiche ealanta a bha ann an Teonaidh MacFhionghain, ’s nuair a bhithinn air an drochaid còmhla ris, chluinninn naidheachdan air a bheil deagh chuimhne agam fhathast. Aon turas, dh’innis e dhomh gun deachaidh e gu duine sònraichte ann an Eàrnal, ann an Tiriodh, aig an robh eòlas airson an Droch Shùil a leigheas nuair a bheireadh i buaidh air a’ chrodh. Bha a’ Ghàidhlig agus na sgeulachdan air am fighe anns na lannan agus na clàir aig a’ Chlaymore. B’ ise bàta Thiriodh – agus b’ ise gu sònraichte mo bhàta-sa, mo bhàta gràdhach Gàidhlig, sgolb den eilean agam fhìn a bha air togail air gu muir. Thug gach taisdeal a rinn mi air a’ Chlaymore beachd dhomh air mar a bha Tiriodh air a shuidheachadh agus air a shònrachadh am measg eileanan Innse Gall. Bhon a bha ar taigh-còmhnaidh, ‘Coll View’, anns a’ Chaolas, a’ sealltainn a-null thar Sruth Ghunna gu eilean Cholla, chìtheamaid an Claymore gach Diluain, Diciadain is Dihaoine, ’s i a’ seòladh mu thuath tron t-sruth gu Barra is Loch Baghasdal. Thilleadh an Claymore bho na h-Eileanan A-Muigh tràth gach madainn Dimàirt, Diardaoin is Disatharna. ’S ann a-mhàin nuair a dh’fheumamaid seòladh don Oban a chìtheamaid i a’ tighinn mu dheas. Bho uinneig na lobhta, sheallamaid airson a cuid solais le tomhas de dh’imcheist, ’s iad a’ nochdadh bhon tuath mu 4.30am. Nuair a bha i ann an ceann a deas an t-sruth, dh’fhaodamaid togail oirnn gu ceidhe Sgairinis, ’s a bhith cinnteach gun ruigeamaid thall mu dheich mionaidean air thoiseach oirre. Am feadh ’s a bhiodh a’ bhan a’ glagadaich air an rathad, bhithinn-sa a’ dèanamh fiughair gum bithin n a’ seòladh oirre a-rithist. Bheireadh drochaid a’ Chlaymore sealladh farsaing, brèagha dhomh air an dòigh anns an robh na h-eileanan agus tìr-mor air an cruthachadh agus air an suidheachadh a rèir a chèile. Nuair a thogamaid a-mach à Sgairinis, gu sònraichte air maidnean samhraidh, chìthinn mo cheàrn dùthchasach fhìn de Thiriodh bho àird eile. ’S e eilean ìosal, torach a tha ann an Tiriodh, le cnuic bheaga ag èirigh os cionn a rèidhlein, agus trì cnuic a tha nas àirde na ’n còrr ’s a tha na Tirisdich fhèin a’ meas mar ‘bheanntan’, Beinn Ghot faisg air a’ mheadhan, agus Beinn Hogh agus Beinn Haoidhnis sa cheann an iar. Cha robh cnoc suaicheanta sam bith sa cheàrn agamsa, ach bha a mhachraichean, a bha a’ claonadh chun a’ chladaich, a phàircean àitichte, agus a chòrsa creagach, le eileanan beaga Chreachasdail is Lithibrig san eara-dheas, a’ cur fiamh a’ chàirdeis air. Tha eileamaidean Lochlannach anns na h-ainmean sin uile, agus, nuair a bhios mi a’ seòladh air a’ Chlansman no air an Lord of the Isles san là an-diugh, bidh miba’ feuchainn ri dealbh a dhèanamh air na linntean ro 1200 nuair a bhiodh birlinnean Lochlannach, len siùil mhòra, cheàrnagach, a’ falbh le sgrìob tro na h-uisgeachan sin. Le beagan cleachdaidh, dh’aithinichinn gach taigh sa bhaile nuair a bhitheamaid a’ dol seachad, agus chun an là an-diugh bidh mi a’ cumail mo shùla airson ‘Coll View’, nuair a nochdas e os cionn nan rèidhleanan gorma ’s sinn a’ tilleadh no a’ fàgail. Bidh mi a’ gabhail beachd air gus an tèid a thoirt bhuam le machraichean còmhnard an eilein, no gus an caillear e air chùl comharradh-tìre eile. Tha na taighean Tirisdeach, a tha air an togail gu diongmholta le cloich agus a tha nas motha na taighean-croite àbhaisteach, a’ seasamh àrd os cionn cladach an eilein, mar shiùil luingeis a tha a’ teannadh ort thar fàire. Bha, agus tha, e na thoileachadh dhomh a bhith a’ faicinn taighean Thiriodh bhon chuan, agus an lùib sin a bhith a’ tuigsinn gu bheil eòlas is aithne air an àite fhèin nas luachmhoire na bòidhchead nàdarra, don eileanach seo co-dhiù. Nuair a bhiodh an Claymore a’ dol seachad air Milton, air cladach a deas a’ Chaolais, chìthinn na dearbh chreagan far am bithinn fhìn agus m’ athair a’ sealg nan sgarbh tràth sa mhadainn, agus am fàire beag air bheag a’ teannadh ri ruiteachd bhàn, am feadh ’s a bha na h-eòin dhubha, throma sin air am mealladh chun a’ chladaich, ’s iad an dùil gun robh currac a bha ga chrathadh an làimh balaich co-ionnan ri sgiath aon den seòrsa fhèin. Deagh chuimse, agus draghadh air triogair a’ ghunna 12-bòr ... agus bhiodh an cù againn a’ leum don mhuir luasganaich airson an t-eun marbh a thoirt air tìr. Nuair a bhithinn a’ dol seachad air còrsa m’ eòlais, bhiodh rann à òran Gàidhlig gu tric a’ tighinn thugam, oran a rinneadh le fear a mhuinntir Mhilton, Ailig Dòmhnallach, a bha mion-eòlach air a bhith a’ fàgail soraidh san aon dòigh: “Air madainn Diardaoin thug mi cùl ris a’ Chaolas, Chun an iar-thuath, chìthinn Dùn Mòr a’ Chaolais, far am bithinn a’ gabhail sràid uaireannan air feasgar Sàbaid, ’s a’ togail seallaidh air na bailtean a b’ fhaisge oirnn, a’ leigeil le mo shùil seòladh a-null gu Rubhaig, ’s cho fada ri rìombal àlainn Bàgh Ghot. Bha gach mìr den mhuir ’s den tìr nam pàirt de dhùthchas an t-sluaigh, ’s mar bhann eadaram fhìn is mo dhaoine, eadaram fhìn is an t-eilean. Bhithinn air mo bheò-ghlacadh leis na seallaidhean mòra a bhiodh a’ fosgladh romham air drochaid a’ Chlaymore, ach cha robh iadsan nam pàirt dem aithne phearsanta, agus cha do ghluais iad mo chridhe riamh san aon dòigh. Nuair a ruigeadh an Claymore Roisigil (ainm Lochlannach eile), chìthinn na h-uisgeachan far am bitheamaid, air feasgar samhraidh, a’ ruith liughachan is chudainnean. Dh’fhairichinn a-rithist spìonadh na loidhne a fhuair grèim, agus chìthinn an t-iasg a’ plosgail le cion analach air na clàir fhiodha. Nuair a ruigeadh an Claymore ceann a deas Sruth Ghunna, cha robh mi idir cho eòlach air na h-uisgeachan. B’ e Colla a’ chiad phort anns an tadhladh an Claymore air a turas à Tiriodh don Òban. B’ e sin an t-eilean a thug an t-ainm ‘Coll View’ don dachaigh agam, agus chìthinn e air an taobh thall den t-sruth gach uair a sheallainn tron uinneig bheòil. Ach b’ e eilean air fàire a-mhàin a bha ann Colla dhòmhsa, agus cha do chuir mi cas air tìr ann gu deireadh nan 1980an. Bha e gu math deifirichte seach Tiriodh na chruth; a rèir choltais, bha e pìos na bu chorraiche ’s na bu chreagaiche, ged a bha cladaichean geala gainmhich air an taobh an iar. Cha robh a’ Ghàidhlig idir cho làidir an sin ’s a bha i ann an Tiriodh, ’s bha tuathanasan mòra, a bha comharraichte airson am bainne ’s an càise, air àite nan croitean a ghabhail o chionn fhada. Bhuineadh sinnsearan nan tuathanach don Ghalldachd. A dh’aindeoin sin, bha tomhas math de choluadar eadar Tiriodh is Colla san àm a dh’ fhalbh. Bhiodh muinntir ‘Choll View’ ag iasgach ghiomach, agus bhiodh iad gan toirt do dh’Airigh nan Gobhar, prìomh bhaile Cholla, far am biodhte gan reic ri fear air an robh an t-ainm freagarrach, Sturgeon. Bha aon teaghlach sa Chaolas a bha nan goibhnean a bharrachd air a bhith nan iasgairean, agus bhiodh iad a’ toirt an aiseig do dhaoine thar an t-sruth do Cholla, mar a thigeadh feum. An toiseach m’ òige, bha Colla (dhòmhsa) co-ionnan ri bàrdachd na Gàidhlig. Bha aon de mo chàirdean fad às, Iain MacIlleathain, na bhàrd do Thighearna Cholla tràth san naoidheamh linn deug. Thug MacIlleathain a-mach ceàird a’ ghreusaiche, agus bha e a’ fuireach ann am baile m’ àraich, an Caolas ann an Tiriodh, ach chan urrainn nach do ghabh e an t-aiseag do Cholla gu math tric ann an seirbhis oide. Tha e ainmeil an-diugh airson aon òran a rinne an dèidh dha imrich a dhèanamh do dh’Albainn Nuaidh ann an 1819, ’s e a’ gabhail beachd air a’ ‘choille ghruamaich’ Tha na rannan mu dheireadh den òran a’ cur an cèill gu brìoghmhor mar a bha e a’ faireachdainn mu bhith fàgail na coimhearsnachd far an deachaidh àrach: “… Tha mulad dìomhair an dèidh mo lìonadh Cha b’ e sin m’ àbhaist an tùs mo làithean, An uair thug mi cùl ribh bha mi gur n-ionndrainn, Bha Colla cuideachd a’ samhlachadh bhàtaichean beaga. Airson na mòr-chuid den ùine a bhithinn a’ siubhal gu cunbhalach air a’ Chlaymore, bho 1955 gu 1973, cha robh ceidhe ann an Colla, agus mar thoradh air sin bhiodh luchd-siubhail, meilichean agus carago gan aiseag bhon bhàta mhòr chun an eilein, agus an rathad eile, le aon de ‘bhàtaichean beaga dearga’ Mhic a’ Bhriuthainn. Anns na lathaichean ud, chante ‘ferries’ ris na bàtaichean sin sa Bheurla, a chionn ’s nach robh bàtaichean-aiseig chàraichean den t-seòrsa ùr anns na h-Eileanan. Bha e daonnan na adhbhar annais is togail-inntinn nuair a bhiodh bàt’-aiseig Cholla agus an Claymore a’ tighinn ri taobh a chèile. Bha sgioba a’ bhàta bhig gu math suaicheanta, ’s gun neach na bu shuaicheanta na Neilly John, a bha daonnan ri fhaicinn an toiseach a’ bhàta, far an robh e ag obair na cheap-draghaidh daonnda, a’ slaodadh an ròpa a bhiodhte a’ tilgeil bhon Chlaymore. Mar a bhiodh Neilly John a’ slaodadh an ròpa le chrògan iarainn, bhiodh am bàta beag a’ tumadh ’s a’ tulgadh anns an stoth, a h-inneal dìosail a’ casadaich ’s a’ brùnndail, ’s a rian-fuarachaidh a’ spùtadh uisge don mhuir na steallan geala, eangarra. Bhiodh a bratach robach, dhearg, ceangailte ri crann beag air mullach an fhailmeadair, a’ crathadh gu lapach, mì-chinnteach, mar gum biodh co-fhaireachdainn aice ris an iomagain a bha air aodainn an luchd-aisig. Tha bàta beag Cholla agus a sgioba treun air cliù neo-bhàsmhor a chosnadh a-nise anns na dealbhan agus na sgeulachdan mu Cheitidh Mòrag. Bha an t-ùghdar, Màiri Hedderwick, a’ fuireach ann an Colla fad iomadh bliadhna. Nuair a dh’fhàgadh i Colla, bhiodh an Claymore a’ seòladh sear gu Àird nam Murchan. Ann an sìde ghaothail, dh’fhaodadh an t-aiseag eadar Colla is Àird nam Murchan agus ceann a tuath Chaol Muile a bhith anabarrach mosach, agus bu mhinig a sheasainn aig a’ chrann-brataich aig deireadh na luinge le mo dhà chois deagh astar o chèile, feuch am fanainn nam sheasamh, saor bhon tinneas-mara, ’s am bàta a’ rolladh anns an fhairge ghairbh. Air madainn mhath, ged tha, bhiodh an sealladh gu tric air leth maiseach. Is cuimhne leam gu sònraichte aon mhadainn aig deireadh nan 1960an, ’s mi a’ siubhal gu Oilthigh Ghlaschu. Bha a’ ghrian ag èirigh le fiamh bog, ruiteach thar sgiath nam beann air tir-mòr, ’s Beinn Shianta mar sgàil dhorcha ma coinneamh. Chun na làimh dheis, chìthinn soilleireachd àlainn Mhuile, ’s a’ Bheinn Mhòr rag ri aghaidh nan speur, Nuair a bha mi a’ teannadh ri fichead bliadhna a dh’aois, bha mothachadh mòr agam air gach sgeul is eachdraidh a bha co-cheangailte ris an tìr agus ri dreach na dùthcha. Gach uair a chìthinn i, bhiodh Beinn Shianta a’ cur nam chuimhne (mar a tha i a’ dèanamh gus an là an-diugh) mar a chaidh an sluagh a sgiùrsadh às an dachaighean air a’ bheinn ann an 1828. Chuir fuadach nan coimhearsnachdan aig a cois gleus bàrdachd air lighiche na sgìre, Iain MacLachlainn à Rathuaidhe, agus chruthaich e òran anns an do leig e ris a mhulad, ’s e a’ faicinn mar a rinn rùintean an uachdarain, Seumas Riddell, fàsach den cheàrn sin da oighreachd. Chaidh teaghlaichean às an t-sealladh, fo shlat-sgiùrsaidh tuathanach an àite, ’s cha robh sian air fhàgail ach na tobhtachan, ’s raineach a’ fàs às na cagailtean briste. Chan eil mòran cheàrnan an Albainn a chaill barrachd sluaigh na Àird nam Murchan agus a’ Mhorbhairn ri thaobh. Bha MacLachlainn air uamhasachadh leis na chunnaic e san sgìre air an robh e fhèin eòlach: “Dìreadh a-mach ri Beinn Shianta, A’ faicinn na beinne na fàsach Sealltainn a-sìos thar a’ bhealaich, ’S lìonmhor bothan bochd gun àird air Agus fàrdach tha gun mhullach Far an robh an teine ’s na pàisdean, ’S e dùthaich àlainn a tha anns a’ Mhorbhairn, ged a tha torachas na tìre nar latha fhìn a’ falach a h-eachdraidh. A’ dol seachad air Àird nam Murchan agus air a’ Mhorbhairn air an làimh chlì, bhithinn-sa a’ bruadar ann an neochiontachd na h-òige gur h-e tìr an àigh a bha an seo, le a leathadan coillteach, a caistealan, agus a h-ainmean ceòlmhor, mar Chille Chòmhain agus Loch Alainn agus Àird Tòirinis. Tha na h-ainmean sin fhathast milis air mo theangaidh, ’s a’ tàladh m’ eanchainn leis an draoidheachd a th’ annta, an Gàidhlig ’s am Beurla. B’ fhìor thoigh leam a bhith a’ faicinn Chille Chòmhain thall air astar, agus a’ cùnntas taighean a’ bhaile. Nuair a chuireadh an Claymore cùl ri Àird nam Murchan san ear-thuath, ghabhadh i a-steach do Chaol Muile, agus thadhladh i airson ùine ghoirid ann an aon de na puirt as bòidhche anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan gu lèir – Tobar Mhoire. Bha a chuid thaighean cruinn mu iomall a’ bhàigh, nam bocsaichean dreachmhor a bha a’ dol air ais gu na lathaichean anns an deachaidh a stèidheachadh mar phort le Comann Iasgaich Bhreatainn aig deireadh na h-ochdamh linn deug. Bhiodh an acarsaid fhèin air a lìonadh mar a bu trice le bàtaichean beaga, agus le cuid a bha gu math mòr, leithid luingeas na Cabhlaich Rìoghail. Rè tamaill, bha long ann a bha a’ toirt taic do luchd-daidhbhidh a bha a’ dèanamh tròcair air Diùc Earra-Ghàidheal ’s e a’ feuchainn ri a chunntas-banca a chur am meud le bhith a’ togail ionmhas à bàta-cogaidh Spàinteach – aon den Armàda mhòr – a chaidh fodha anns a’ bhàgh o chionn iomadh linn. Bhiodh Teàrlach, bràthair mo sheanmhar, ag innse sgeulachd bhrèagha mu deidhinn. Cho luath ’s a bhiodh an Claymore ri port, bhiodh an carago ga thogail a-mach s a-steach, am feadh ’s a bhiodh an luchd-aisig a’ teàrnadh a’ chlàir-choiseachd gu faramach. Shaoilinn gum faodainn mo làmh a chur tron doras, leis cho faisg ’s a bha Taigh-òsda Mhisnis, mas fhìor, agus lùchairt eireachdail Thaigh-òsda nan Eileanan an Iar ri geàrd air mullach a’ bhearraidh. Thall air an làimh chlì, thigeadh an eathair-mhotair, an Lochbuie, am follais, a’ gearradh sgrìob ghrinn tron uisge, ’s a’ fàgail chuartagan ealanta às a dèidh. Rachadh a ceangal ri taobh thall ceidhe Thobar Mhoire, ’s i a’ coimhead cho beag is cho brisg, an taice ris a’ Chlaymore chumhachdach. Agus an sin a-mach leinn a-rithist ... bhuaileadh an clàr-coiseachd an ceidhe le brag...rachadh an dearag a tharraing gu meadhan na luinge agus rachadh a chromag a cheangal os cionn càraichean Morris Minor is Ford Cortina agus bocsaichean mòra Phickfords. Nuair a bhiodh na ròpaichean air an tilgeil gu tìr, rachadh an Claymore an deireadh airson ùine ghoirid, ach gun dàil bhiodh òrdugh Làn Chumhachd air Adhart air gach einnsean air èigheach gu gliongach, fonnmhor air an teileagraph. Ruithinn-sa chun an deiridh gus am faicinn dè thachradh nuair a rachadh na h-innealan ath-thòiseachadh gu bhith a’ dol air adhart. Bhiodh uisge na stiùireach a’ dol na chobhar cho maiseach ’s a chunnaic mi riamh, ’s boghachan-froise lainnireach ga sgeadachadh, nuair a rachadh grad-atharrachadh a dhèanamh air tionndadh-deiridh nam proipealairean, agus a ghreimicheadh iad gu feargach san t-sàil airson an long iomain an rathad eile, a’ cur casg air a gluasad gu deireadh, agus a’ putadh na luinge truime air thoiseach. Thigeadh crith is crathadh is luasgan air a’ Chlaymore, mar chrith-thalmhainn air uchd a’ chuain, agus, le casad no dhà, sgeitheadh a similear cruinn, comharraichte a-mach toit neulach air a lìonadh le spotan-saoidhe is ùileadh. Beag air bheag, shocraicheadh am bàta na ceum, agus ruigeadh i a dusan mìle-mara àbhaisteach, a’ fuaradh Eilean Chalbhaidh, am feadh ’s a bhiodh sgaoth fhaoileag a’ dèanamh an dìchill na cruinn agus còmhdaichean uaine a bàtaichean-teasairginn a pheantadh às ùr, agus ‘pasgan beag bòidheach’ a bhuileachadh air an luchd-aisig gun fhios daibh. Cò a chreideadh gun tigeadh an latha a bhodh am bàta-mheilichean corrach, critheanach seo, a bha air a sàrachadh leis na faoileagan, a’ seòladh mar long-thoileachais ann an uisgeachan sèimhe na Mara Meadhanaich, fada bho Thobar Mhoire? Gach turas, cluinnidh mi nam cheann òran Gàidhlig a rinneadh leis an Ollamh Urr. Iain MacLeòid, a bha anns a’ Mhorbhairn: “Ged shiubhail mi cian, b’ e Caol Muile mo mhiann; Cuiridh mise ‘Amen’ ris a sin! Bidh mi fhathast a’ cumail seallaidh feuch am faic mi dachaigh an Dr MhicLeòid, Mansa Fhionnairigh, ’s mi a’ gabhail tron Chaol. B’ e a bhràthair Tormod, ‘Caraid nan Gàidheal’, a leag bunait litreachas na Gàidhlig aig toiseach na naoidheamh linn deug. ’S fhiach cuimhneachadh gun do sgrìobh Tormod MacLeòid na h-aistidhean a thug cliù dha a chionn ’s gun do mhothaich e nach robh taghadh farsaing, fallain de stuth-leughaidh aig mòran de na daoine a bha air comasan leughaidh a thogail ann an sgoiltean Gàidhlig nan eaglaisean. Chuireadh e ioghnadh air nam biodh fhios aige gu bheil daoine fhathast a’ strì ri litreachas grinn Gàidhlig a chruthachadh, ged a tha struth-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig ann an Ard-Sgoil Thiriodh san latha seo. Ghabh mi ri iomadh rud gun smuaint a bharrachd anns na lathaichean ud a dh’aom – a’ Ghàidhlig fhèin, a dh’ionnsaich mi gun strì nam phàside, dòigh-beatha air leth air a’ chroit, maise nan eilean – ach o chionn bliadhna no dhà dhrùidh e orm gur h-e sochair da-rìribh a bha ann a bhith air mo chuartachadh leis an ealain nàdarra a bha cho follaiseach aig ìre dualchais is cruth na tìre, gach uair a sheòlainn à Tiriodh. Bha gach comharradh-tìre air a thoinneamh gu teann, agus gun fhios domh, ann an doimhneachd m’ anama, mar phàirt dem fhèin-fhiosrachadh agus dem bhith-beò mar Ghàidheal. Bha Caisteal Àird Tòirinis an siud air an làimh chlì, agus air an làimh dheis, aig an ‘lùib’ anns a’ Chaol, a’ bheinn àghmhor ud, Beinn Taladh. Bha Caisteal Dhubhaird, daingneach Chloinn Illeathain Mhuile, ag èirigh gu greadhnach air an rudha dhorcha, a’ cur nam chuimhne nan gamhlasan greannach a bha uaireigin nan adhbhar connspaid eadar Clann Illeathain agus Caimbeulaich Inbhir Aora. A dh’aindeoin nan cuimhneachan sin air aimhreitean o shean, bha Caol Muile daonnan ciùin, sèimh, sìochail, agus ar leam gum biodh an Claymore fhèin a’ togail oirre gu sunndach, ’s a critheanaich gu math na bu shocraiche. Bhiodh cùisean a’ socrachadh air an drochaid cuideachd. Gheibhinn-sa cead a’ chuibheal-stiùiridh a ghabhail nam làimh fo iùil mo dheagh charaid, Aonghas Moireasdan, thigeadh an t-Ard-Innleadair a-nìos airson còmhradh ri Oifigear na Faire, agus nochdadh Teàrlach Mac an t-Sealgair à seòmar an rèidio. Ghabhadh bàtaichean-còrsa de dh’iomadh gnè seachad oirnn, agus bàtaichean eile de chabhlach Mhic a’ Bhriuthainn, mar an Lochinvar no aon de na bàtaichean-carago. Uaireannan, dhèanamaid ‘rèis’ ris an Lochinvar, seann long bheag annasach a thogadh ann an 1908, le a cran beag air dhreach meacano os cionn a simileir cutaich. An uair sin nochdadhtaigh-solais Lios Mòir, agus cha bhiodh air fhàgail ach leth-uair gus an ruigeamaid an t-Òban ... agus deireadh turas àlainn eile. Och, och! Ach bha deagh fhios agam, ged tha, gun dèanainn an turas ud a-rithist, a’ gabhail na slighe an rathad eile, às an Òban gu Tiriodh. Bliadhnachan an dèidh sin, nuair a bha mi nam bhalach-sgoile ann an Ard-Sgoil an Òbain, agus nam oileanach ann an Oilthigh Ghlaschu, a’ sgrùdadh nan Cànainean Ceilteach, bha iomadh cothrom agam a bhith a’ seòladh dhachaigh air a’ Chlaymore. Agus tha an aisling ghaoil ud beò annam fhathast, eadhon ged nach eil an Claymore, a bha leamsa gun choimeas, ann tuilleadh. Chan eil nì as fheàrr leam na bhith nam sheasamh air a’ cheidhe anns an Òban no ann an Sgairinis, nuair a bhios an Clansman mòr, bùcach a’ lìonadh mo sheallaidh, no mo ghoistidh gràdhach, an Lord of the Isles, a’ seòladh air ribein airgid air lathaichean samhraidh, no a’ sgoltadh nan tonn ann an gaillinn an fhoghair. ’S e bàtaichean eireachdail a th’ annta, den seòrsa fhèin, agus tha iad a’ toirt orm a bhith uasal às mo dhùthchas ann an dòigh nach gabh mìneachadh no tuigsinn gu tur. Bidh mi a’ togail dhealbhan dhiubh gun sgur, ’s mi daonnan a’ feuchainn ris ‘an dealbh as fhèarr’ fhaighinn – rud a bhios a’ fairtleachdainn orm. Air dhòigh-eigin, a dh’aindeoin an coltais stùicich agus a’ mhì-chòrdaidh a tha nan cruth, tha na bàtaichean sin a’ labhairt rium ann an doimhneachd mo bheatha. ’S iadsan na bàtaichean agamsa cuideachd. Tha cuibhreann dhìomsa air a thàthadh am broinn am pleataichean, a chionn ’s gu bheil iad mar choilionadh air bruadar balaich, a bhiodh ag èirigh nam inntinn ’s mi air mo lathadh nam sheasamh air ceidhe Sgairinis anns na bliadhnachan ciana ud, a’ fuireach ris a’ Chlaymore – bruadar gum faigheadh na h-Eileanan na bàtaichean a b’ fheàrr a b’ urrainn don dùthaich a thoirt dhaibh, seach na ‘poitean-meirge’, nuair a thigeadh piseach air na seirbhisean mara. Thachair sin, agus tha mi an dòchas nach tig atharrachadh air gu bràth. |