Cearcall:Cuairt phearsanta à Ceann na Creige gu Ìle, |
‘S e rìoghachd air leth sònraichte a th’ann an Earra Ghàidheal. Tha i bòidheach dhi fhèin - gorm, mèath, aitidh; le fiadh-bheatha am pailteas; cultur Gàidhlig a tha eadar-thoinnte le dualchas nan càirdean Eireannach; agus dha rìreabh, ‘s ann às a tha a’ tighinn cuid de na h-uisge-beathan as ainmeile air an t-saoghal. Ach an nì as prìseil a th’aice, ‘s dòcha gur h-e a h-eachdraidh ionmholta, dhìomhair, fhathast gun a tur rannsachadh, agus fhathast gun a tur phleoiteachadh. ‘S ann ann an Earra Ghàidheal a gheibhear cuid de na samhlaidhean as buadhaiche air brìgh Gàidhealtachd: nam measg Dun Àthad, tèarmann Dhail Riata – rìoghachd nan tùs Albannach; Fionnlagan, Comhairle Tighearnas nan Eilean; agus Gleann Chille Mhàrtainn nan ionmhas gun chrìoch, làn làraich airc-eòlais do-àireamh. Fàilte ma ta, leig le tlachd nan tobhtaichean crìonaidh, na dùthcha ghuirm, fhàsmhoir, agus nan eilean sgapte do thàladh a steach. Chan eil turas air CalMac uair sam bith dìreach àbhaisteach. Do dh’eileanach, ge b’e air bith cho cumanta adhbhar an t-siubhail, chan eil e coltach ri bhith a’dol air bus àireamh 32, neo an trèana 0817. Tha a’ ghleadhraich, am bruthadh, rupail domhainn nan einnsean, sàthadh nan ròpan, glaodhaich dian-òrdugh nan luchd-làimh, bùraich nan laogh – tha uile shlisneagan ìomhaigh an turais seo a’ ciallachadh nach gabh e a bhith na thuras chòmhdhail mar aon ‘s an t-sreath. Ach tha barrachd na sin ann an turas ChalMac: fuaim na Gàidhlig air bilean an luchd-làimh, daoine a’ togail orra, is daoine a’ tilleadh; faochadh falbh, agus cràdh duilich a’ chianalais ri thighinn – ‘s e th’ann an turas ChalMac ach fior shamhla air turus-beatha a’ Ghaidheil. Mach à seo leinn. Tha aiseag ChalMac air a bhith an lùib eachdraidh an teaghlaich againne – turais dhùraigidh, mhòra, fhada tuath gu Leòdhas; turais dhùraigidh, mhòra, fhada dhan chòrr den Ghaidhealtachd agus othail mhòr, bhoilisgeach a’ Mhòid. San tighinn neo san fhalbh bho Mhòd, bhiodh ceòl ann: buidhnean às na còisirean ag ionnsachadh san trannsa, sa bhàr, an oisean sam bith. A’ chiad chòisir fhear Ìleach a sheinn aig Mòd Nàiseanta bho chionn fhada an t-saoghail – ‘s ann sa bhàr a chaith iad an turas as Ìle dhan Òban; eadhon às aonais an drama, ‘s ann orra fhèin a bha am piseach mu’n àm a ràinig am bàta an t-Òban. Subhachas a’ chiùil, nas sòlasaiche buileach, le blàths na cuideachd air bhàrr nan tonn. Toiseach ar turais ma tà, à Ceann na Creige. A dh’aindeoin na h-aimsir, tha an seòladh às Loch Tairbeart an Iar daonnan socair, sèimh. Tha an t-aiseag a’seòladh gu mall, gu faiceallach suas ann am fasgadh gàirdeanan dìon an locha, raon fada Maol Chinntire air aon làimh, agus Rubha Àird Phàdraig air an làimh eile. ‘S an uairsin tha i a‘sàthadh a mach dhan chuan mhòr. Ceanntire – eadar mhòr-thìr is eilean – a’claonadh air falbh, ‘s muileannan gaoithe a’chnàimh-droma a’ smèideadh soraidh slàn anns a’ ghaoith. Fhathast fad air falbh chun an iar, tha Diùra, a Mhàman a’stobadh air faire. Gu deas tha stròchag fhada, chaol Ghiogha. ‘S ann aige fhèin a tha eachdraidh sna làithean seo – Eilean Dhè gu dearbha. Ghabh à choimh-earsnachd sealbh air eilean Ghiogha ann an 2002, nì a th’air a chomharrachadh gu h-aighearach leis na triùir mhnathan dannsaidh – na trì muillnean gaoithe a tha a’ cosnadh airgid dhan choimhearsnachd dom buin iad. ‘S e Creideas, Dòchas agus Carthannas ainm nam mnathan – agus mar a tha an t-aiseag a’seòladh seachad, tha iad air mhire le boil boireann. Tha an cùrsa aiseig gu Port Eilein a’ fiaradh chun an iar-dheis, Aontraim an Eirinn a Tuath san t-sealladh. Tha bannan eadar Eireann is Ìle sean is seasmhach – gu dè a th’ann am fichead mìle? – agus tha na h-òrain, blas Ghàidhlig Ìle, agus na facail a thathas gan cleachdadh nam fianais air à cheangal sin. Sgrìobh Donnchadh MacIain – bàrd ainmeil Ìleach san fhicheadamh linn – mu ‘Sìol Ionndroim is Ìle, bu rìoghail am pòr’. Bhathar gu tric a’dol gu Baile a’Chaisteil agus gu oirthir Aontraim, agus chan eil an t-astar sin an diugh a’ cur càil air na bàtaichean ‘rib’ a tha a’ deanamh an turais gu tric. ‘S e Sruth na Maoile a theirear ris an t-slighe seo eadar Alba is Eireann, agus bu tric a bha Ìlich a’ triall gu iasgach, fèillean, fèisean le rud sam bith a ghabhadh iomlaid: òrain, sgeulachdan, eadhon aisealan (thainig an t-aiseal, Barney, air ais air bàt’-iasgaich bho Baile a’ Chaisteil gu Port Eilein – agus tha bhideo ann ga dhearbhadh!). ‘S e turas ait a th’anns an turas thar Sruth na Maoile ann am bàta `rib’ – a’ bogadaich ‘s a’ siorradh thar mullach thonnan a tha, bho ìre a’ bhàta, fior ghailbheach, a’ cluich falach-giog le pèileagan is plocan mòra fiodha le sprùilleach na mara, gus a bheil am bàta beag aig bonn charraighean mòra – creagan Maol na h-Òdha. Mar a tha aiseag ChalMac a’fiaradh chun an iar air a slighe gu Port Eilein, chithear coilltean boga, mèath ceann an eara-dheas Ìle, is cnàimh-droma nan cnoc rin cùl. ‘S iomadh eilean a tha seo, a rèir beul-aithris, air an leigeil às le Iula, bana-phrionnsa Lochlannach ‘s i air a slighe thar na mara ‘s a h-apran làn chlachan ioma-meud. Thionndaidh na clachan a thuit nan eileanan, an toiseach Eireann, a-rithist Reachraidh, Teacsa faisg air Port Eilein, agus an sreath eileanan thar oirthir an eardheis. Nuair a ràinig Iula na cladaichean tuath air Cill Daltain, leig i roimhe, agus chaidh i fodha anns a’ ghainmhich, thàinig an làn a-steach, agus cha robh aice de chlìth a shàbhaladh i fhèin. Thathar a’ creidsinn gur ann bho Iula, a tha air a tòrradh faisg air Loch a Chnuic, a fhuair an t-eilean an t-ainm Ìle. ‘S e seo ma tha, boillsgidhean fiata air Ìle – na coilltean dùmhail, caogadh caoin nam fiadh, na ròin dhan aonragaich fhèin, ro chomhfhurtail son caireachadh gu d’fhàilteachadh – uile fo ghnùig nam beann. ‘S dòcha gum faic thu na ròin bhon aiseig, ach bi cinnteach gun teid thu suas an dùthaich, an ear-thuath air Port Eilein, aig Ceann an t-Sàilein, tuath air an Aird Bheag, tha na ròin nan laighe, bog, reamhar, gun stuth air an aire ach fèin-chomhfhurtachd. Tha dubh-choilltean Chill Daltain a’falach mòran dhùin. Dùintean eachdraidheil, an ainmean brìoghmhor bho bheul-aithris – Dùn Fhinn, Creag Fhinn, Meall Fairich Fhinn. Smaoinich! Curaidh mòr nan uirsgeul Albannach is Eireannach, athair Oisein, an seo ann an Ìle. Seo cuideachd far a bheil crois Chill Daltain, bho àm 800 AD, agus an t-aon chrois cuibhle Crìosdach iomlan air fhàgail ann an Alba. Tha ìre na crois cho math ‘s gu bheilear am beachd gum be Cill Daltain làrach riatanach Crìosdail, le ceangal ri Ì. ‘S e àite bòidheach, tiamhaidh a th’ann. Às a’ bhuigead mhèath seo, tha trì de ochd taighean-stiola an eilein a’ tighinn air sreath a chèile, An Aird Bheag, Lag a’ Mhuilinn, agus Lag Phroaig, na h-ainmean sgrìobhte gu h-uailleil air am ballachan geala, glan, ag agairt – tha sinn an seo, gabh e na fàg e. Tha taighean-stiola an eilein air fad nan seasamh nam freiceadan geala timcheall an oirthir, nan suaicheantas air feadh an t-saoghail mhòir, cha mhòr gun fhiosd’ dhaibh. An seo tha am freumhan àrsaidh sìor lùibte anns na bailtean beaga a dh’èirich mun cuairt orra, agus anns na teaghlaichean a th’air a bhith gu dualchasach ag obair annta. Crùbte anns a’ bhàgh aig Lag a Mhuillinn, fior dheagh shuidheachadh, tha tobhtaichean Chaisteil Dhùn Naomhaig, prìomh thèarmann Dòmhnallach nan Eilean – Tighearnas nan Eilean. Tha pìobaireachd mhìorbhaileach mu Cholla Chiotach, curaidh cliùiteach Dòmhnallach, aig an robh taobh ri Dùn Naomhaig. Mu 1615, bha Dùn Naomhaig air a chuairteachadh, agus thog Colla Ciotach air gus cuideachadh fhaotainn às Eireann agus Ceann Tire. Mus do thill e, ghèill Dùn Naomhaig. Dh’aithnich am pìobaire aige, a bha na phrìosanach anns a’ Chaisteal, bàta a’ mhaighstir, agus chluich e am port A Cholla mo Rùin, Seachain an Dùn. Ghabh Colla feart air an rabhadh, agus thàrr e às. Cha robh am pìobaire cho fortanach – chaidh a mheòir a ghearradh dheth, agus cha b’urrainn dha cluich a chaoidh tuilleadh. An seo, air druim caoin Ìle, chan eil a‘ ghaoth chruaidh, shaillt a’ deanamh uiread de chron ‘s a tha i air an iar. Ach mar a tha am bàta-aiseig a’dlùthachadh air Port Eilein, tha am muir a’tulgadh ‘s a’ luasgadh, ‘s an Tàbh a’leigeil ris cho faisg ‘s a tha e, Maol mòr na h-Òdha a mach air an iar-dheas, seasmhach – sa chuid as motha – na aghaidh. ‘S e àite fàsaidh, uaigneach a tha air a bhith anns an Òdh os cuimhnear – iolairean a’ cromadh le ionnsaigh bho a creagan, cathagan dearga – nach eil ach tearc – a’ neadachadh, gobhair allail a’ dìon an cuibhrionn-fearainnn, an carragh-cuimhne Aimeireaganach na fhianais aonranach air call-beatha nan long Aimeireaganach a chaidh san rathad ann an 1918. San 19mh linn bha sluagh mor a’ tuineachadh san Òdh. An diugh, an dèidh a bhith greis air bheag shluagh, thathar ga ath-thuineachadh is mòran thaighean ùra, rìomhach gan togail air a slèibhtean ri taobh nan seann thobhtaichean. Smèid riu san dol seachad. Fo ghrioglachan nan taighean ùra is nan tobhtaichean àrsaidh, tha taigh-solais Chill Neachdain, is an tràigh shocair, bhàn-òr, na fiòr choimeas ri creagan garbh na h-Òdha. Chun an iar tha tràigh an t-seinn (cha chuala mi fhèin riamh port ann), agus chun an ear, coille shèimh a’ Chairn Mhòir. Tha taigh-stiola Phort Eilein air a’ bhàgh, ainm uasal, mar nach biodh fhios aige fhathast gu bheil a dhorsan dùinte. Ann am bàgh Leodamais chithear gu tric geòlaichean prìseil air acair aig na lamraig mara ùra; chithear cuideachd bàta an eòrna, a’ sàsachadh acras cìocrach nan taighean stiola. ‘S e slighe gu tur eadar-dhealaichte a th’ann gu Port Asgaig,‘s i a’ tairgse seallagain tharraingeach air àiteachan iomallach Ìle. Tha am bàta a’ tionndadh gu tuath suas an Caol Ìleach, gu h-obann air taobh an fhuaraidh an Tàibh, ach a’ strì ri sruth garg a’ Chaoil. Chun an ear tha Diùra, is air an iar tha Ìle na laighe, neo-aoidheil, ‘s a cùl riut. Chithear corra bhoillsgeadh thaitneach, ghorm air ceann a deas Dhiùra: taigh mòr Dhiùra, coilltean an siud ‘s an seo, agus na trì Màman nach gabhar àicheadh – Beinn à Chaolais, Beinn an Òir, agus Beinn Shianta. Air an taobh uaigneach seo de dh’Ìle – le chuid uamhan far an do thòisichear an toiseach air braiche – tha taigh-solais Rubha Mhic Artair a’ libhrigeadh a rabhachan aonranach. Tha an crodh Gaidhealach, mar a bha bho shean, a’ cagnadh na feamad gu stùirteil air na tràighean, gun sùil air à bhàta-aiseig. San dol a-steach gu Port Asgaig tha taigh stàtail Dhùn Losaid – dachaidh ghreadhnach an teaghlaich Schroeder – mud choinneimh anns na craobhan. Chun an iar-dheis air Port Asgaig, gheibhear iarmad balbh Loch Fhionnlagain. Àite sàmhach, socair a th’ann air nach aithnichear cho cudromach ‘s a bha e uair ann an eachdraidh na h-Alba: b’e cridhe Tighearnas nan Eilean, dachaidh ceannardan Clann Dòmhnaill fad 400 bliadhna, bhon 12mh gun 16mh linn. Tha trì eileanan ann, aon – a rèir beul aithris – air an robh Tighearna nan Eilean air a chrùnadh. Air Eilean na Comhairle, bhathar a’ rianachadh gnothaichean riaghltais mar chòirichean seilbh agus ceistean lagha. Tha ceistean ann daonnan: càite an robh na maraichean sin bho air feadh taobh an iar na h-Alba, bho Leòdhas gu Maol Chinntire, a’ fàgail nam bàtaichean? An robh àite gu leòr aca ann am Port Asgaig? Neo an tàinig iad air tìr aig Loch Indaal, ‘s an deach iad air an cois gu tuath? An do mharcaich iad? Co às a thàinig na bha sin de dh’eich? Carson nach eil dreach nas uaisle air Fionnlagan? Stad aig an t-seann mhuilinn olainn, air a stèidheachadh ann an 1883, ‘s an-diugh a’ reic ri Hollywood. ‘S e àite air leth tarraingeach a tha seo, is fhathast aodaichean àlainn clòimhe air am fighe air beart innleachd Bhictorianach, ann an toglaichean air a bheil daonnan aire càraidh a dhìth. Theid thu seachad air Loch Indaal, sàmhach is air bhog le eòin. Sa gheamhradh chan urrain dhuit seachnadh nan milltean ghèadh `tearc’, ‘s iad a’ dubhadh na speuran, neo a’ caismeachd slaodach thar nan achadh ghorm – a’magadh air tuathanaich Ìle. Sios leat chun na Roinne, na laighe air taobh an iar an eilein. Shios aig a bhun tha Port na h-Abhainne is Bun Abhainn, dà bhaile bheag, bhìodach, bhòidheach. Tha dà dhoras air an eaglais phàrlamaideach aca, doras son gach baile. Anns a’ bhàgh tha na ròin nan sìneadh, fior thoilichte. Seachad air na bailtean prìseil sin, chithear taigh-solais eilean Orsaidh, thar oirthir na Roinne, agus tarsainn air garbh-shruthan, nam measg Caolas nan Gall – ach an dùil?! Cha thuigear cho buileach faisg ‘s a tha Diùra air Ìle. Tha an t-aiseag beag chàraichean gad ghiùlain thar à chaolais gu Feòlainn. Cha toir an turas ach mionaidean, ach le neart an t-sruth, feumar dol thairis air cùrsa cearn-caol. Tha na Màman daonnan san t-sealladh, agus aig am bun tha an t-aona rathad singilte. Ach chan e a-mhàin na Màman a th’ann an Diùra. Tha an taobh an ear – mu choinneamh luchd spaideil na mòrthìr – cho caoin ri taobh an ear-dheas Ìle. Gu deas tha gàrraidhean ionmholta Taigh Dhiùra, teanta tì ann san t-samhradh, agus earbsa pàighidh le bocsa onair. Feuch gun stad thu, bi onorach, dean às do na coilltean, theirig seachad air à bhalla-gàrraidh ainmichte. Beachdaich air na gàrraidhean sin, anns an t-seòrsa aimsir seo, sàr thoinisg an sàs ann a bhith a’ breithneachadh ‘s a’ cur, a’ gabhail brath air Sruth a’ Chamuis a tha a’cneadachadh na sgìre seo de Dhiùra nas càirdeile na àite eile. Ann am baile Taigh na Creige, tha bùth, taigh-stiola, talla, sgoil agus taigh-òsda ann an sàr-shuidheachadh le chuibhrionnan mòra bidh agus a chraobhan pailm allmharach. Tha geòlaichean nan laighe air acair. Ach chan eil an seo ach beag-shealladh. Theirig gu tuath, gun chabhaig, thar an rathaid shingilte, gu Àird Lusa, ‘s à mach as à chàr gu Barnhill Orwell, far an do sgrìobhadh 1984. Às a sin chan eil e cho fada coiseachd chun a bhàrr, Coire Bhreacain, far a bheil an cuairt-shlugan. Dh’fheuch Orwell air, agus cha mhòr nach deach a bhàthadh. Tha e air a’ choire-cuain as motha san t-saoghal, ged nach eil e na bhoil na do shealladh, dìreach meall a’ measradh ‘s a’ slaopadh. Àite uirsgeoil, òran: a’ mhaighdean-mhara a’seinn `Bha mi’n raoir an Coire Bhreacain, Bidh mi nochd an Eilean I’. Tha uirsgeul ainm a’ choire-chuain iongantach, agus tha fhios – mar is dual do na Gaidheil - gu tur dubhach: bha Breacan, Prionnsa Lochlannach, ag iarraidh nighean Tighearna nan Eilean a phòsadh. Gus dearbhadh gum b’fhiach e an nighean, thuirt a h-athair gum feumadh Breacan a bhàta a’ sheòladh anns a’ chuairt-shlugain fad trì latha. Ghabh e earal agus cheangal e a bhàta le trì ròpaichean: ròpa olann, ròpa ruadh, agus ròpa air a shnìomh le gruag maighdinn às Diùra. Bhris an olann air a’ chiad oidhche, an ròpa ruadh air an dara oidhche, agus an treas ròpa air an treas oidhche, seach nach robh a’ mhaighdeann cho fior ‘s bu chòir. Chaidh Breacan a bhàthadh. Chan eil dol às air na Màman. Theid agad air ruith orra, coiseachd orra, streap orra, amharc orra – ach cha tèid agad air an àicheadh. A’ fàgail Port Asgaig air an t-slighe chun an Òbain,‘s a’tadhail ann an Colbhasaigh ‘s e cho buileach fada ‘s a tha Diùra, ‘san lagan crioslaichte na mheadhan a tha a’ tighinn a-steach ort. Agus ‘s ann an uair a tha thu air an raon fairge seo air d’iadhadh le eileanan, a tha thu a’ tuigsinn brìgh neart Tighearnas nan Eilean. Air gach taobh dhiot, air do bheulaibh, air do chùlaibh, uile air fàire, tha eileanan – sguran is uamhan ceann a tuath Ìle, sineadh Dhiùra, tràighean bàna Cholbhasaigh. Dean cinnteach gu bheil thu air a’ chlàr-uachdrach mar a tha seo uile ga leigeil fhèin fo do chomhair. Nad mhac-meanmainn, cuir thu fhein sa bhirlinn, a’ slaodadh nan ràmh, a’ faicinn nan teine-rabhaidh fad na h-oirthir – an-dràsda a’ fàilteachadh, a rithist a’ bàirleigeadh. Abair àm is àite. ‘S a-nis gu Colbhasaigh. B’àbhaist gur e an t-aon bhàta, a’ falbh às Loch Tairbeart an Iar, a bhiodh a’ tadhal ann an Giogha, Diùra, Ìle ‘s Colbhasaigh,‘s le sin bha mòran eòlais aig eileanaich air a chèile. An-diugh, ‘sann às an Òban a tha aiseag a’frithealadh air Colbhasaigh, trì latha san t-seachdain, ach a-mhàin le clàr-ama an t-samhraidh, air Diciadain, bho Chèitean gu Sultain, thèid againn air faighinn às Ìle gu Colbhasaigh bho Phort Asgaig, Ìle. Agus abair turas: suas caolas cumhang Ìle, Rubha a’ Mhill, Rubha a’ Bhachlaig, Cnoc na Pìobaireachd ‘s Rubha a’ Mhail a’ smèideadh ort às cinneas ghorm Ile, ‘s Beinn Shiantaidh,‘s Beinn an Òir, ’s Rubha a’ Chrois Aoinidh a’ labhairt riut le sìor fhior bhalbhachd às dìthreibh fhalamh, riabhach Dhiùra. A’ falbh bho fhasgadh an dà eilean, tha an fhairge a’ sìneadh romhad, glè thric tulgach ‘s air do làimh dheis fad air fàire, rabhadh meallaidh gaoir a’ Choire Bhreacain. Ach a-mach às an Tìr fo Thuinn air do làimh chlì, èiridh Colabhasaigh, air a chneadachadh le Orasaigh, eileanan sèimh nan sgaoilteach thràighean bàna gainmhich. Colbhasaigh – ‘s e sin ra ràdh Eilean Choilm. Oir ‘s na h eileanan seo àite eile far an do dh’fhàilnich air Colm Cille bochd na thuras-cuain, gun sealladh fhaotainn air Eireann, agus às am b’fheudair dha teicheadh gus an do ràinig e Ì às nach rachadh aige idir air sealladh fhaotainn air Eireann – agus mar sin, ann an Ì nam Manach bha fois-tuineachaidh aige bho ath-bheothachas cianalas na h-Eireann. Colm bochd. Dè a dheanadh luchd-margaidh turasdachd eilananan Innse-Gall gu deas às aonais san latha a th’ann? Air fàire thig Beinn na Sgoltaire, Beinn nan Gudairean, Cill Chatain, Uragaig, Rubha Bàgh nan Capull, Rubha Eilean Mhàrtainn, ainmean lorgan–sluaigh nam fianais air suathadh sluaigh ri fearann. A-steach leis a’ bhàta gu Scalasaig, ’s tha mi coiseachd cabhsair fada bho bhàta gu oifis ChalMac. Ann an oifis Chal Mac tha fear aig compiutair mu choinneamh na h-uinneig, ‘s Sandaidh a’ bhus ‘s fear neo dithis eile nan suidhe ann an cathraichean cuiseanach le sealladh air a’ chabhsair bhon bhàta, nan suidhe mar Phàrlamaid Hiort neo caractairean sgeids a sgrìobhadh Tormod a’ Bhocsair. Cathair 1: ‘It’s yon one back ... He can’t have had much of a welcome when he’s back already.’ Cathair 2: ‘Oh and the wee man with the briefcase … aye … Phone Maggie and tell them HE’s in again.’ Cathair 1: ‘And the man with the beard and the suit…the board development grant man that’s who it is … Tell Himself at the computer.’ Sandaidh a’bhus: ‘Oh, and here’s herself back this time and it’s two in tow … not just one … that will be excitement and a half.’ Cathair 2: ‘Quite a few for the bus today, then.’ Anns a’ Ghàidhlig tha mise a’ bruidhinn’s tha iad gam fhreagairt mar shèist: ‘No, No, we don’t speak it here now … maybe old folk sometimes just now and then … No.’ Tha mi anns a’ bhus suas gu Traigh Chill Òdhrain a tha a cheart cho àlainn ‘s a tha a mholadh; tha creag is cnoc, achadh, beinn is monadh a’ fàs an glaic a chèile; tha deagh àiteachadh air oighreachdan thar nan linn, aig Clann‘Ic Dhòmhnaill, Clann‘Ic Nèill, ‘s am Morair Strathcona air cothroman bith-beò cothromach a thabhach air fearainn. A reir aithris, cha robh fuadaichean idir an eachdraidh Cholbhasaigh. Fhuair agus thug, na h-eileanan seo mòran beannachadh, gràs, tlàths is ealan mar a chithear anns an abaid agus anns na carraighean snaidhte, leithid clach uaighe Clann‘Ic a’ Phì, fianais snaidhte ann an Abaid Oransaidh a’ crìonadh leis na linntean. ‘S ged tha crìonadh, tha fàs. ’Se lionraidh nan làrach-lìn a tha a’ tàladh an t-saoghail mhòir gu Colbhasaigh is Oransaigh an diugh, le cruth bith-eòlais is blàths Sruth a’Chamuis a’ toirt fasgadh do fhàs nan lus-monaidh mar orchis Uragaig, lus nan cnàmh (sea samphire) is eilibear leig (marsh helleborine), ‘s nam palm, mar a chithear le eucalyptus is mimosa ann an garraidhean an Taigh Mhòir. Ged nach eil, tha mi a’ tuigsinn, na bailtean-fearainn a-nis gan leigeil a-mach air mhàl, ach air an oibreachadh leis an oighreachd fhein, tha taighean ùra gan togail, taighean ran reic, mòran thaighean samhraidh ram faotainn air mhàl, is àireamh an luchd-turais a tha a’ turchairt air fìor-leug nan eilean seo a’ sìor dhol am meud suas cabhsair ChalMac, ‘s iad a’ dol fo sgrùdadh-cuspainn gun fhios daibh seachad air pàrlamaid nan cathair cuiseanach is Fear a’ choimpiutair. Ach, chan fhaodar campachadh ann an Colbhasaigh, neo dachaigh air chuibhlichean neo carabhan a thoirt a-steach ann. ‘Se cuireadh gu sàmhchair is aonaranachd is iomallachd Cholbhasaigh – far am faigh thu raon-coise gu leòr dhuit fhèin is cothrom sìth gu do leabhar a sgrìobhadh – an sanas-tàlaidh, far am faic, is an cluinn thu cuideachd, buaidh dòighean-sàbhalaidh Dhualchas Nàdair is Chomann nan Eun. Tha soirbheachadh mòr ann an Eilean Choilm is Oransaigh air àrdachadh àireamh thraon is chathag dhearg; tha na lachan, na trilleachain tràghad, na stearnagan, eòin dhubh an sgadain, na caolmain Hiortach air mhire sna speuran, an guthan air a’ ghaoith ‘s air siabadh nan suaile. Anns an sgoil ath-nuadhaichte is dheagh-uidheamaichte, tha deichnear, is anns a’choimhearsnachd, triùir fo aois-sgoile. Tha dotair ann, is dà eaglais, ach chan eil ministear air an eilean. Tha bùth agus taigh-òsda am pàirt, eadar oighreachd is coimhearsnachd, tha mi a’tuigsinn. Agus is cinnteach nuair a chruinnichear le deoch-slàinte gum bi spiorad beothail, toinisgeil, mireagach, geur fuidheall nan fhior Cholbhasach fhèin air fonn, is taibhsean MacTalla nan guth aig Clann‘Ic Nèill is Clann‘Ic Alastair Cholbhasaigh len òrain an lùib pong binn nan eun, a’ sruthadh air bithbhuantachd nan sian: “Thig dhachaidh, Thig dhachaidh, Nach b’e Colm fhein a bha glic ... Dè an tairbhe a th’ann an cianalas? Bha agus bidh Colbhasaigh nam buadh buadhmhor. Agus mar a tha sinn a’ sigheadh gu slaodach dhan Òban,‘s na tha sin de bhàtaichean beaga bòidheach dlùth air a’ bhàta-aiseig ‘s i a’tarring a-steach dhan chala. Tha na taighean cho faisg air Caolas Chearraraidh nach eil e a’ toirt nam chuimhne ach sigheadh nam plèin a’ tighinn gu talamh ann an seann phort adhair Hong Kong, cho dlùth air dachaidhean ‘s nach mòr nach faiceadh tu steach ann an seòmraichean an t-sluaigh. Tha an cidhe na mhàl le bàtaichean mòra a’ deanamh air na h-eileanan siar, seallaidhean àlainn, an taigh-stiola, faoin-thogallach Mhic Caig, taighean-seinnse is bùithtean tarraingeach bìdh faisg ri làimh – abair fhèin baile Mòid! Agus an rud as fhearr a th’ann dhuinne às na h-eileanan – bùth Tesco! Tha an turas gu deas às an Oban ga do thoirt tro dhùthchas torrach Earra Ghàidheal: bog, mèath, gorm, am beul na mara. Stad aig Learg àlainn, Loch Mheall Phoirt, garraidhean Aird Uaine, an àite sam bith, sa h-uile àite, ach ge bith de nì thu, caith ùine ann an gleann mhiorbhaileach Chille Mhàrtainn. Cha ghabh inneas a dheanadh air dìreach mar làrach riatanach airc-eòlais àraid, sònraichte – cha ghabh sin a-steach na chìthear ann: tursachan, cuirn-tòrraidh, ealain chreag, dùintean, tèarmainn, agus creagan snaidhte, air fad rim faotainn anns an àite shìtheil, uile-tharraingeach seo. Tha baile Chill Màrtainn fhèin bòidheach, is ealain chreig brèagha air feadh an àite gu leir. ‘S e seo far a bheil an Taigh-Tasgaidh Cultur Àrsaidh. Tha e air leth math, agus tha an t-àite bìdh Glìob a’ Chùirn sgoinneil fhèin math. Nas fhaide gu deas, air an t-slighe gu Ceann Loch Gilb, tha Dun Àthad – fior chridhe rìoghachd Dhail Riata, a chaidh a chur air chois nuair a ghabh a’ chiad Scotti às Eireann sealbh air Dail Riata anns an 5mh ‘s an 6mh linn. Mar Fionnlagain, ‘s gann gun gabh e a chreidsinn mar a chithear e na chumadh crìonaidh – ach stad, do mhac-meanmainn arithist: tha abhainn Àthad a’ sìoladh a slighe tron Mhòine Mhòr, gun rathad, gun bhaile fearainn, dìreach làrach suidhichte cho ceart ‘s a ghabhadh. Faisg air làimh, fhuairear lorg air àite obair meatailt’, na mheasg tha fuidheall stuthan a thug an casan às tìr na Mara Meadhanach. ‘S mar sin, sinne às Earra Ghàidheal, nach sinne a tha air a bhith aoidheil ri sluagh an t-saoghail. Air an tèarmann fhèin, chithear an rud as miorbhailiche a dh’iarradh tu: sreath sgrìobhadh ogham, dealbh tuirc, agus lorgan a bhuineas -– a rèir beul aithris – do dh’Oisean fhèin. Seas na lorgan an seo, ann an Earra Ghàidheal, fior chreathal nan Albannach, agus bi air do chunntadh leo! |