Cearcall: Cuairt phearsanta às a’ Ghearastan gu Malaig, an t-Eilean Sgitheanach, Uibhist a Tuath, Bearnaraigh, na Hearadh, Leòdhas agus Ullapul |
Mun àm a ruigeas sibh an Gearastan, far a bheil an turas againn a’ tòiseachadh, bidh sibh air a dhol tro thalamh fàs agus fiadhaich. Chan eil e doirbh, am measg a’ ghreadhnachais, smaoineachadh gur dòcha gur e tìr reubaltach a bha an seo uaireigin le iomadh cothrom aig muinntir an àite cur an aghaidh smachd an ùghdarrais laghail. Agus ’s e sin an dearbh adhbhar a chaidh an Gearastan a chruthachadh agus gur e ainm nach buin idir don Ghàidhlig a thugadh air. Ach, ’s ann ainneamh a chluinnear Gàidheil a’ cleachdadh ainm Beurla a’ bhaile. Mar as trice, cleachdaidh iadsan ainm Gàidhlig a’ bhaile ‘an Gearastan’. Ach bha an t-ainm Beurla air ron fhear Ghàidhlig, rud a tha glè annasach sa cheàrnaidh seo den t-saoghal. Bha an Gearastan air ainmeachadh air Rìgh Uilleam Orains ann an 1690. B’ ann aig Inbhir Lòchaidh, beagan mhìltean air taobh a-muigh a’ bhaile a tha ann an-diugh, a bha a’ chiad champa armailteach. Thar na h-ath linne, anns an robh dà ar-a-mach neo-shoirbheachail aig na Seumasaich, thàinig an Gearastan gu bhith ro-chudromach anns na h-oidhirpean a rinn ùghdarrasan Bhreatainn air na cinnidhean a bha air taobh nan Seumasach a chur fo smachd agus cur às do mhonarcachd Hanobhair. Bha Loch Abar – an sgìre timcheall a’ Ghearastain – air a chumail fodha gu mòr an dèidh do dh’ar-a-mach 1745 fàilligeadh. ’S e an dubhadh-às seo air a h-uile càil air Ghàidhealtachd air an robh coltas easaonta – gu h-àraidh cànan agus cultar a’ Ghàidheil – a luathaich an cùrsa fada gu beatha le blas na Beurla. Tha an t-atharrachadh sin ri fhaicinn fhathast anns a’ Ghearastan. Tha luchd-turais a’ tighinn ann bho air feadh an t-saoghail ach cha do chaill e a dhearbh-aithne Gàidhealach gu tur. ’S e iomain – geama Gàidhealach mar hurling no iomáint na h-Èireann – an spòrs as cumanta san sgìre. Tha a’ Ghàidhlig fhathast air a bruidhinn le timcheall air deichnear sa cheud de shluagh a’ Ghearastain agus nam bailtean mun cuairt, ach thàinig mòran dhiubh às na h-eileanan air an tarraing gu aon de na bailtean a tha a’ leudachadh san sgìre. Tha ceòl agus òrain nan Gàidheal a’ dol fhathast. Na laighe fo sgàil Bheinn Nibheis – a’ bheinn as àirde san Rìoghachd Aonaichte – tha an Gearastan na phrìomh àite airson sreap agus spòrsan eile a-muigh. B’ e sliosan casa nam beanntan sin a rinn e cho freagarrach airson leaghadair almain, air obrachadh leis an dealan-uisge aige fhèin. Mar sin ’s e an Gearastan aon de bheagan bhailtean ùra air Ghàidhealtachd anns an robh gnìomhachas trom o chionn iomadh bliadhna. Tha taigh-staile ann cuideachd, dìreach mar a bhios sibh a’ dol gu tuath a-mach às a’ Ghearastan agus a’ coimhead airson an tionndaidh chun na làimhe clì a dh’ionnsaigh Mhalaig agus na h-eileanan chun an iar. Ach an toiseach tha sibh a’ draibheadh tro shealladh-tìre àlainn Loch Abair. B’ ann o chionn glè ghoirid a chaidh seo atharrachadh bho bhith, sa mhòr-chuid, na rathad singilte a chuireadh eagal air na draibhearan a b’ eòlaiche – gu h-àraidh le làraidhean èisg a’ tighinn nan coinneamh air an t-slighe bho Mhalaig gu na margaidean sa cheann a deas! Ach a-nis, an dèidh mòran leasachaidh, ’s gann gun aithnichear gur e an aon rathad a tha ann, ach ’s fhiach gabhail air ur socair agus faicinn na seallaidhean maiseach, na comharran-tìre eachdraidheil agus na bailtean beaga bòidheach aig an ìre seo den turas. Stadaibh aig Gleann Fhionghain agus chan ann a-mhàin airson a’ chuimhneachain fhaicinn a tha a’ comharrachadh far do thog am Prionnsa Teàrlach – Teàrlach Eideard Stiùbhairt – a bhratach, ghabh e còir air righ-chathair Bhreatainn dha athair agus ghairm e na cinnidhean airson ar-a-mach mì-shealbhach nan Seumasach ann an 1745. An ceann ochd mìosan, às dèidh Chùil Lodair, b’ ann às an dearbh àite seo a chaidh fhògradh dhan Fhraing. Bha a cheart uiread de na cinnidhean Gàidhealach an aghaidh nan Seumasach ’s a bha air an taobh. Bha an ceàrn seo den Ghàidhealtachd air cumail dìleas don t-seann chreideamh Chaitligeach ged a bha a’ chuid a bu mhotha de dh’Alba air strìochdadh don chreideamh Phròstanach aig Ath-leasachadh na 16mh linn. Mar sin, bha e nàdarrach gum biodh na Seumasaich a’ lorg taic an seo. Ach tha Gleann Fhionghain ainmeil airson structair eile cuideachd – an drochaid rèile iongantach air a bheil Rathad-iarainn na Gàidhealtachd. Tha còrr air 1200 troigh a dh’fhaid innte agus tha i air a dhèanamh suas de 21 stuaghan. Chaidh a togail le companaidh togail Raibeart MhicAlpain mu thoiseach na linne mu dheireadh. Ann an cladh faisg air làimh tha cuirp buill den sgioba-obrach Èireannach – ‘MacAlpine’s Fusiliers’ – a chaill am beatha fhad ’s a bha iad a’ togail na Rèile le seann uidheam sìmplidh. Sin mar a bha cùisean – ach bidh daoine a bhios a’ coimhead fiolmaichean Harry Potter eòlach air a bhith a’ coimhead an Hogwart’s Express na deann suas is sìos an drochaid! Air gach taobh den rathad seo tha sreath de bhailtean bòidheach – Loch Ailleart, Àrasaig, Mòrar agus an uair sin port trang Mhalaig às a bheil aiseag Chaledonian Mhic a’ Bhruthainn a’ seòladh gu Armadal san Eilean Sgitheanach. Ma tha sibh airson a dhol nas fhaide, tha aiseagan nas lugha ann a’ dol gu eileanan Eige, Rùm, Eilean nam Muc agus Canaigh – gach aon le dearbh-aithne inntinneach. O chionn beagan bhliadhnachan, bha Eige anns na naidheachdan nuair a chaidh a cheannach leis a’ choimhearsnachd, às dèidh a bhith iomadh bliadhna air a dhearmad le uachdarain neo-làthaireach. ’S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha Rùm agus Canaigh a-nis agus tha àireamh bheag de dhaoine a’ fuireach annta. Ach nì a’ chuid as motha agaibh dìreach air an Eilean Sgitheanach. Tha an t-slighe seo nas tarraingiche na an drochaid, nas fhaide suas an costa, a tha a’ ceangal Caol Loch Aillse ri Caol Àcain. Tha an t-aiseag a’ toirt an neach-turais dìreach a-steach do ‘Lios an Eilein Sgitheanaich’ – rubha Shlèite a dh’fhaodadh sibh a chall ma ghabhas sibh an drochaid. An seo feumaidh sibh stad aig aon de na h-ionadan foghlaim as inntinniche ann am Breatainn – Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Ghàidhlig na h-Alba a tha a’ tabhann foghlam aig ìre ceum tro mheadhan a’ chànain. Tha Sabhal Mòr Ostaig, a thòisich ann an seann shabhal o chionn beagan a bharrachd air 30 bliadhna, air leudachadh gu làrach cho brèagha ’s a chithear san dùthaich, ann an àrainneachd air leth. Tha Sabhal Mòr Ostaig, agus na h-oileanaich, a tha a’ fuireach san àite, air àrainneachd ùr a chruthachadh a tha glè eadar-dhealaichte ris a’ chuid as motha den Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Tha mòran Gàidhlig ri chluinntinn agus faodaidh sibh a bhith cinnteach gun lorg sibh deagh chèilidh ann an aon de na tallachan no taighean-òsta ionadail. Ach tha rudan tarraingeach eile ann an Slèite mar grunn thaighean-òsta sàr-mhath. Sìos tro na linntean, b’ e seo tìr Chlann Dòmhnaill agus tha an eachdraidh sin air a ghleidheadh ann an Ionad Chlann Dòmhnaill, beagan mhìltean bho chidhe-aiseig Armadail. Thàinig a’ chuid as motha de mhaoineachadh a’ phròiseict seo – a tha a’ gabhail a-steach gàrraidhean àlainn – bho Ellice NicDhòmhnaillà Delaware an Ameireagaidh, ach bha a seanair à Gleann Comhann. An dèidh dhuibh gach sealladh an Slèite fhaicinn, faodaidh sibh tionndadh chun na làimhe clì a dh’ionnsaigh an Àth Leathainn. ’S e seo dachaigh Pàipear Beag an Eilean Sgitheanaich agus bu mhise ciad dheasaiche a’ phàipeir aig toiseach nan 1970an agus tha e fhathast dìleas don t-suaicheantas a thug sinn bho sheann Lìg Fearainn na Gàidhealtachd – ‘An Tìr, An Cànan ’s na Daoine’. Tha a’ mhòr-chuid de luchd-leughaidh a’ phàipeir anns an Eilein Sgitheanach, na bailtean mu choinneamh air tìr-mòr agus na h-Eileanan an Iar agus gheibh luchd-turais agus muinntir an àite naidheachdan ann a tha glè eadar-dhealaichte bhon fheadhainn a gheibhear sa chuid as motha den dùthaich! Tha cùisean a bhuineas don fhearann – an luchd-seilbh, an luchd-còmhnaidh agus an luchd-cleachdaidh – aig cridhe eachdraidh agus beatha làitheil nan coimhearsnachdan sin uile. ’S e croitearachd an seòrsa gabhaltais as cumanta agus a bha air a chur san lagh anns na 1880an gus còir a thoirt do na daoine air an croitean an aghaidh uachdarain a bhiodh ag iarraidh am fuadach. Mun àm a shealbhaich iad an reachdas seo, bha mòran de shluagh na Gàidhlig air an sgapadh air feadh an t-saoghail agus bha a’ chuid a bu mhotha den fhearann fo chaoraich agus fhèidh. Tha an sgaoileadh-sluaigh annasach a tha ann fhathast – le bailtean beaga an cois na mara – air a thighinn sìos bhon linn dhorch sin. Ged nach robh an aon ìre fòirneirt an aghaidh nan uachdaran air Ghàidhealtachd ’s a bha ann an Èirinn aig an aon àm, bha Strì an Fhearainn air Ghàidhealtachd agus bha saighdearan air an cleachdadh iomadh uair anns na h-eileanan aig deireadh na 19mh linn. Mar a thig sibh gu Port Rìgh, prìomh bhaile an Eilean Sgitheanaich, chun na làimhe clì thèid sibh seachad air soidhne-rathaid chun a’ Bhràighe agus bha an ceàrn sin den eilean an teis-mheadhan aon de na tachartasan cudromach a thug buaidh air an Riaghaltas a thaobh reachdas croitearachd. Ann an 1882, rinn muinntir a’ Bràighe ar-a-mach an aghaidh an uachdarain, Iarla Chlann Dòmhnaill, nuair a dh’fheuch e ri na croitearan fhuadach bho ionaltradh Bheinn Lì. Chaidh saighdearan a chur dhan eilean airson an ar-a-mach a chasg agus thòisich seo strì cho-ionann air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Mus ruig sibh am Bràighe, bidh sibh air a dhol seachad air cidhe-aiseig Chaledonian Mhic a’ Bhruthainn aig Sgonnsar agus is math is fhiach dhuibh cuairt a ghabhail gu eilean Ratharsair. Nuair a dh’innis mi do charaid dhomh a tha a’ fuireach ann gun robh mi dìreach air tilleadh à New York, thuirt e rium gu bheil Manhattan nas lugha na Ratharsair – le àireamh-sluaigh de 150! Ach ged a tha an àireamh-sluaigh beag, tha an t-eilean seo cuideachd loma-làn eachdraidh agus beul-aithris Gàidhlig. ’S ann an seo a tha Taigh Ratharsair, a bha air a cheannach leis a’ choimhearsnachd o chionn ghoirid às dèidh mòran strì. O chionn 30 bliadhna, bha Ratharsair daonnan anns na naidheachdan mar thoradh air dol a-mach annasach an uachdarain neo-làthaireach, lighiche ann an Cooden an Sussex a bha air a dhreuchd a leigeil dheth. Gun fhios carson, cheannaich e a h-uile togalach cudromach air an eilean agus leig e dhaibh tuiteam às a chèile. Ged nach fhacas e mòran air an eilean, fad iomadh bliadhna fhuair e air cur an aghaidh togail cidhe-aiseig ùr. Thàinig eachdraidh Dr Green agus Ratharsair gu bhith na eisimpleir ainmeil anns an deasbad iomlan mun fhearann, a’ sealltainn a’ chumhachd a bha aig aon duine thairis air coimhearsnachd lag. B’ ann an Ratharsair a rugadh Somhairle MacGill-Eain, a bha na bhàrd Gàidhlig san 20mh linn agus ann an sùilean iomadh duine – mar Seumas Heaney, a dh’eadar-theangaich am pìos bàrdachd cudromach ‘Hallaig’ – aon de phrìomh bhàird Eòrpach na linne sin. B’ e neach-teagaisg a bha ann an Somhairle agus thug e iomadh bliadhna na cheannard cliùiteach air Àrd-sgoil a’ Phluic, air tìr-mòr, mus do thill e dhan Bhràighe nuair a leig e dheth a dhreuchd – faisg air eilean Ratharsair. Chaochail e ann an 1996 ach bidh barrachd dhaoine ga leughadh an-diugh na nuair a bha e beò; le brosnachadh bho Urras Shomhairle MhicGill-Eain a tha air làrach-lìn a stèidheachadh aig: www.somhairlemacgilleain.org/English Nam biodh sibh cho fortanach ’s gum fosgladh sibh ur sùilean san Eilean Sgitheanach an achlais tè no fear càilear air madainn chiùin shamhraidh, b’ e sin deagh àm airson meòrachadh air ìomhaigheachd Shomhairle ann an Camhanaich: “Bu tu camhanaich air a’ Chuiltheann Tha baile Phort Rìgh air fàs gu mòr thar nan còrr air 30 bliadhna bho chunnaic mi an toiseach e. ’S dòcha gum bi sibh air mothachadh gu bheil mòran de na soidhnichean rathaid a threòraich sibh air an t-slighe dà-chànanach agus a-nis thathar air gabhail ri sin ann an coimhearsnachd nàdarra sam bith aig a bheil spèis don dearbh-aithne dà-chultarail aice. Ach cha robh e daonnan mar sin. Chuir an t-ùghdarras ionadail – agus an uair sin Comhairle Inbhir Nis – gu làidir an aghaidh nan ciad shoidhnichean Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, air an rathad a-steach a Phort Rìgh, nuair a chaidh a’ chùis a thogail aig toiseach nan 1970an le Iain Noble, uachdaran ionadail neo-àbhaisteach a bha air a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus nach reiceadh an talamh airson leasachaidhean rathaid mur biodh na soidhnichean air na rathaidean sin dà-chànanach. Mu dheireadh thall, rinn e a’ chùis agus b’ e adhartas mòr a bha ann, le iomadh nì eile a’ sruthadh bhuaithe. Air sràidean trang Phort Rìgh, seallaibh a-mach airson clàir inntinneach air ballachan nan taighean-òsta agus togalaichean poblach. Tha aon dhiubh, aig Taigh-òsta Rosedale, mar chuimhneachan air Màiri Mhòr nan Òran – a’ bhana-bhàrd agus tha fear eile, a bhios tarraingeach do luchd-tadhail à Èirinn, a’ cuimhneachadh air a’ phàirt a bha aig Michael Davitt – a stèidhich Lìg Fearainn na h-Èireann – ann a bhith a’ toirt taic do strì nan croitearan aig deireadh na 19mh linn. Gu dearbh, thug croitearan Pròstanach an Eilein Sgitheanaich cuireadh do Davitt, Caitligeach agus poblachdail, seasamh mar an tagraiche don Phàrlamaid an dèidh dha òraid a dhèanamh air beulaibh sluagh mòr bho fhor-uinneig Thaigh-òsta Phort Rìgh ann an Ceàrnag Shomhairle! Tha an t-àm ann a-nis dèanamh air aiseag Ùige agus tha mi air fhoghlam gum bu chòir ùine gu leòr fhàgail airson a’ phàirt seo den turas. Faodaidh na 15 mìle a bhith glè fhada air latha trang samhraidh. Agus nuair a ruigeas sibh Ùige, le na seallaidhean maiseach os cionn a’ bhàigh, thoiribh an aire nach bi ur sùilean air am mealladh. Chan eil fhios agam carson, ach saoilidh duine gu bheil aiseag Chaledonian Mhic a’ Bhruthainn dìreach a’ seòladh agus ’s dòcha gum bi sibh airson cabhag a dhèanamh sìos dhan bhaile, air eagal nach eil an uair cheart agaibh airson an aiseig. Fanaibh a choimhead an t-seallaidh – cha chaill sibh an aiseag idir! ’S e seo an t-slighe aiseig as fheàrr leam air a’ chost an iar. Chan eil i ro fhada no ro ghoirid le seallaidhean brèagha de cheann a tuath an Eilein Sgitheanaich mus seòl sinn a-mach tarsainn a’ Chuain Sgìth chun an Tairbeart no – mar an turas seo – gu Loch nam Madadh an Uibhist a Tuath. ’S iomadh cuimhneachan math a tha agam air an aiseag a bha air an t-slighe seo roimhe, an seann MV Hebrides agus a sgioba mharaichean às na h-eileanan – agus iad uile air a bhith air feadh an t-saoghail anns a’ Chabhlach Mharsanta. Tha na clàran-ama nas teinne an-diugh agus chan eil uiread de dh’ùine againn airson sgeulachdan, ach tha an t-slighe cho tlachdmhor ’s a bha i a-riamh. ’S e baile taitneach a tha ann an Loch nam Madadh le fìor ghoireas sàr mhath – Taigh Chearsabhagh, an t-ionad ealain a tha air duaisean a chosnadh, ’s a tha air a bhith a’ dol o 1995. Tha am facal ‘Cearsabhagh’ a’ tighinn on t-seann ainm Lochlannach a bh’ air a’ bhaile. Tha taisbeanaidhean inntinneach ann an-còmhnaidh agus fìor dheagh thaigh-tasgaidh, taigh-bidhe is bùth-leabhraichean. A thuilleadh air a bhith na dheagh àite-coinneachaidh sa bhaile, tha an t-ainm a th’ aig Taigh Chearsabhagh agus aig na prògraman foghlaim sa bheil e an sàs air mòran dhaoine aig a bheil ùidh sna h-ealain a thàladh a dh’Uibhist a Tuath. Ach na fanaibh ro fhada an sin oir ’s e rathad singilte a tha a’ dol gu Eilean Bheàrnaraigh, an ath phort om fàg sinn, agus tha e furasta a bhith air ur mealladh a thaobh an ùine a bheir e a’ dol ann. Chleachd ceangal a bhith eadar Beàrnaraigh is Uibhist a Tuath tro aiseag nach toireadh leis ach daoine a-mhàin ach ri linn a’ phrògraim a bha ann sna 1990an de thogail chabhsairean is aiseagan ùra, thàinig adhartas mòr air na h-eadar-cheangail tro na h-eileanan. Sna làithean a dh’fhalbh, chleachd gach port-aiseiga bhith a’ coimhead ris an tìr-mhòr ach an-diugh tha siubhal mòran nas fhasa eadar na h-eileanan agus tha turasan fìor mhath a-nis comasach.’S e aon dhiubh sin an t-aiseag a mhaireas uair a thìde eadar Beàrnaraigh agus An t-Òb. Bidh sibh airson a bhith shuas air deic fad an t-slighe a’ gabhail beachd air na seallaidhean bòidheach is am fiadh-bheatha lìonmhor a tha mun cuairt nan sgeirean ’s nan eilean a tha cho pailt ann an Caolas na Hearadh. ’S e a’ cheist inntinneach mun t-Òb no Leverburgh cò às fon ghrèin a thàinig an t-ainm Beurla a tha air? Sa Ghàidhlig ’s e An t-Òb a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh ach tràth sna 20an, chaidh ainmeachadh an dèidh a’ Mhorar Leverhulme, am fear-gnìomhachais a bha soirbheachail ann a bhith a’ reic èisg ann an canaichean agus siabainn air feadh an t-saoghail. Cheannaich Leverhulme Leòdhas is Na Hearadh dìreach ro dheireadh a’ Chiad Chogaidh agus bha planaichean mòra aige airson Steòrnabhagh a dhèanamh na bhaile tionnsgalach. Ach thog a rag-mhuinealas mu bhith cleachdadh nan tacan a bha mun cuairt Steòrnabhaigh airson bainne a chumail ris an fheachd ùir a bha gu bhith aige sna factaraidhean, strì nach gabhadh a rèiteach leis an fheadhainn a bha air tilleadh air ais bhon chogadh agus dhan deach gealltainn gum biodh na tacan air am briseadh suas nan croitean. Aig a’ cheann thall, leig Leverhulme seachad na planaichean a bh’aige airson Steòrnabhagh agus thog e air gu Ceann a Deas na Hearadh far a bheil fhathast fianais air na sgeamaichean tionnsgalach aige – cho math ri baile a tha air ainmeachadh às a dhèidh! ’S math a b’ fhiach dhuibh a dhol far an rathaid gu Roghadal agus seann eaglais Naomh Chliamain; agus an uair sin, a’ dol gu tuath, chun Taobh Tuath far am faighear dà ionad turasachd sàr mhath. An toiseach Seallam! An t-ionad airson rannsachadh sloinntireachd air a ruith le Bill is Criosaidh Lawson a chuireas iongnadh air duine sam bith a tha den bheachd gu bheil boinne fala a bhuineas do dh’Innse Gall na chuislean. Agus faisg air làimh, Ionad Mhic Ille Bhràth a tha dèanamh dealbh inntinneach air beatha an eòlaiche-nàdair – air nach eil mòran cuimhne san là an-diugh – a bha cuideachd na ùghdar agus na neach-deilbh a chur seachad bliadhnaichean òige sna Hearadh tràth san 19mh linn. B’ e an obair a b’ ainmeil a rinn Uilleam Mac Ille Bhràth A History of British Birds mun tuirt Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdair: ‘Fìor mhionaideach is neo-mhearachdach, an obair a bu choileanta na latha mu eòin a bha ri fhaighinn ann am Breatainn aig an àm’. Cha b’ e droch chliù a bha sin air balach bho Cheann a Deas Na Hearadh! Tha sibh air taghadh taobh siar na Hearadh airson ur slighe a dhèanamh gu tuath. Fuirichibh gus am faic sibh na tràighean àlainn a tha seo – gun duine beò cha mhòr orra – chan eil mòran dhan leithid san Roinn Eòrpa is bailtean le ainmean mar Sgarasta, Horgabost is Seilibost air an t-slighe. Fìor shuidheachadh mìorbhaileach a bu chòir a mhealtainn gun cus cabhaig a bhith oirbh. Ma tha camain goilf agaibh sa chàr, dèanaibh cinnteach gun cuir sibh airgead màil dhan bhogsa agus cluichibh geama air deagh raon naoi-tuill ann an Sgarasta a chaidh a dhealbh air a’ mhachair le Fionnlagh Moireasdan, às na Hearadh, agus dh’fhaodadh e bhith gur e an t-aon chluicheadair goilf proifeiseanta aig an robh a’ Ghàidhlig a chluich a riamh sa Cho-fharpais Fhosgailte! ’S e ainm Na Hearadh a tha air gnìomhachas iomraiteach a’ Chlò Mhòir ged is ann an Leòdhas gu tuath a tha a’ mhòr-chuid den obair stèidhichte an-diugh. Ach rinn aon bhreabadair a tha fuireach sna Hearadh, Dòmhnall Iain MacAoidh à Losgaintir, ainm dha fhèin aig ìre nàiseanta an uair a fhuair e, ’s gun dùil ris, òrdan bho Nike a bha air am brògan-spòrs Terminator ath-dhealbh is iad a’ dol a chleachdadh a’ chlò Hearaich. Cha robh iad a’ tuigsinn gun robh iad a’ bruidhinn ri duine a bha ag obair leis-fhèin ann an seada-beairt, an uair a dh’òrdaich iad 10,000 meatair de chlò – bhiodh seo air a chumail a’ dol fad dheicheadan de bhliadhnaichean! Abair gun do chòrd an sanasachd a fhuair e ri Dòmhnall Iain mus do chuir e an t-òrdan air adhart gu muilnean Leòdhais! ’S e aon eilean mòr a tha ann an Leòdhas is Na Hearadh ged a tha iad air a bhith air an comharrachadh o chionn fhada mar dà eilean eadar-dhealaichte. Bha seo air sgàth ’s gun robh sna seann làithean a’ bheinn as aìrde sna h-Eileanan an Iar – An Cliseam – le coltas oirre nach fhaighte thairis oirre. An-diugh tha i fhathast na dùbhlan do dh’iomadh einnsein carbaid. Tha sibh a-nise am measg bheanntan Cheann a Tuath na Hearadh – agus an-diugh, tha an oighreachd mhòr seo a bha gu chionn ghoirid fo smachd uachdaran prìobhaideach air a dhol fo smachd na coimhearsnachd. Faisg air baile Àird a’ Mhùlaidh, chithear soidhne a tha ag innse gu bheil sibh air a dhol thar na crìche a-steach a Leòdhas! Tha astar 36 mìle eadar an Tairbeart, am baile as motha sna Hearadh agus Steòrnabhagh, prìomh bhaile Leòdhais. Mu letheach slighe ann ’s fhiach stad aig a’ chàrn-cuimhne chudromach air taobh clì an rathaid. Chaidh a dhealbh leis an neach-ealain iomraiteach Will MacIlleathain agus is e aon de sreath chàirn a tha ann an Leòdhas a’ cuimhneachadh am pàirt a chluich an t-eilean ann an strì an fhearainn san 19mh linn. Tha am fear seo a’ comharrachadh Rèid na Pàirce ann an 1887 an uair a dh’fheuch croitearan na sgìre seo grèim fhaighinn air an fhearann a chaidh a thoirt bhuapa gus am biodh fearann aig na h-uachdarain airson an cluiche fhèin. ’S e baile trang a tha ann am baile Steòrnabhaigh a dh’fhàs suas timcheall air a’ chaladh nàdarra a tha ann. Na là, b’ e seo aon de phrìomh bhailtean puirt sgadain san Roinn Eòrpa, agus bhithte a’ cur mòran èisg air falbh gu àitean cho fada air falbh ri New York is am Baltaic. Bhiodh na mìltean de chlann-nighean an eilein a’ leantainn an sgadain timcheall air costa Bhreatainn, ag obair mar chutairean agus an-diugh tha ìomhaigh shnaighte gan comharrachadh faisg air cidhe an aiseig. B’ e obair chruaidh anns an robh iad an sàs airson glè bheag de thuarastal, mar a dh’ainmich Ruaraidh MacThòmais ann an “Bu shaillte an duais a thàrr iad Tha fìor dheagh ionad-ealain ann an Steòrnabhagh – An Lanntair – a tha faisg air cidhe an aiseig. Ma tha an cuimhneachan mu dheireadh agaibh fhathast ri cheannach, feuchaibh ri dhol gu fear de bhùidsearan a’ bhaile is marag dhubh a cheannach, am biadh nàdarra sin a tha air a dhol bho bhith na bhiadh an taigh-croit gu biadh fasanta an taighean-bidhe ainmeil ann an Glaschu is Lunnainn. Aon nì a tha cinnteach cha bhi i cho daor oirbh ann an Steòrnabhagh! Tha slighe-mara a mhaireas trì uairean a thìde romhaibh gu Ulapul, a chaidh a stèidheachadh ann an 1788 mar phort-iasgaich airson an sgadain ’s a bha air a dhealbh le Tòmas Telford. Tha e fhathast na dheagh eisimpleir de bhaile a chaidh a dhealbh gu cùramach. Tha mòran ciùil ri chluinntinn gu sònraichte san Taigh-òsta an Cèilidh Place mar a shùilichear leis an ainm a tha air! Tha cuideachd fìor dheagh thaigh-tasgaidh ionadail ann. Tha an t-àm agaibh a-nis an cearcall a chrìochnachadh agus tha dà roghainn agaibh – airson an rathad as giorra a ghabhail air ais dhan Ghearastan, tha mi dhan bheachd gu bheil e nas fheàrr a dhol gu Garbh agus an uair sin an rathad a ghabhail gu deas. Ach ma tha tìde agaibh, ’s e a’ chomhairle as fheàrr – an còmhnaidh – cumail ris a’ chosta an iar cho mòr ’s a ghabhas, le bhith a’ tionndadh chun làimh cheart ochd mìle a-mach à Ulapul agus a’ leantainn an rathaid tro bhailtean mar An t-Allt Beithe, Geàrrloch, Toirbheartan agus Sìldeag mus tig thu air ais chun A82 deas air Caol Loch Aillse. |