Cearcall: Cuairt phearsanta as an Òban gu Muile,
Àird nam Murchan agus an t-Eilean Sgitheanach
le Màiri Nicartair

‘S ann air na faoileagan is fheàrr mo chuimhne. Nuair a bha mi beag b’e an sgriachail aca an comharra gu robh Bàgh an Òbain a’ teannadh dlùth, am pìos mu dheireadh den turas bhliadhnail dhan àird an iar gu ruige eilean m’athar, Ì Chaluim Chille. Bha sinn air tighinn o thaobh eile na dùthcha, a baile beag air a’ chost an ear far an robh faoileagan cuideachd a’ sgiathalaich ‘s a sgiamhail. Carson ma tha a tha fuaimean an Òbain a’ tighinn gu m’aire?

Is dòcha nach robh ann ach gu robh fiughair cho mòr againn ri na làithean-saora agus gu robh an turas ‘na thachartas sònraichte. Cha robh càr riamh aig mo phàrantan. Mar sin bha e cumanta gu leòr dhuinn siubhal air trèana, bus agus corra thacsaidh anns na 1950ean agus ‘60ean. A Cill Rìmhinn rinn sinn air Glaschu agus chaidh sinn air bòrd na trèana bha dol tron oidhche air seann loidhne Chalasraid ‘s an Òbain a Stèisean Sràid Bhochanain. Bha mo phiuthar ‘s mi fhèin fo phlaideachan, ag ithe cheapairean agus uighean air an cruaidh-bhruich agus, tha min dùil, a’ deanamh norrag cadail. Anns a’ mhadainn bha an trèana, mar gum b’ann fo dhraoidheachd, a’ stad air cidhe farsaing fiodha faisg air a’ mhuir. Bha sinn a’ tighinn a-mach as an stèisean mhòr le mullach glainne agus a’ coimhead son portair is bara a ghiùlaineadh treallaich na mìos chun a’ Chidhe Tuath. An sin, far a bheil taighean-bidhe spaideil an diugh, bha bùth a’ cheannaiche-cruadhach, air an robh na briathran-suaicheantais ‘O chuileag-bhreac gu long-smùide’. A-staigh bha fàilidhean annasach bho ola, falaid is cuairteagan ròpa. Bha Donnchadh Rothach a’ cur fàilte oirnn gu socair modhail agus a’ sireadh nan dubhan ‘s nan driamlach a dh’fheumadh m’athair air an eilean.

An uair sin, bha i an seo – am bàta. O mheadhan na naoidheamh lìnn deug, bha slighe-cearcaill a-mach as an Òban, cuairt làitheil timcheall eilean Mhuile agus a’ tadhal air Staffa agus Ì. B’i seo ‘Cuairt nan Eilean Naomh’. Nar latha-ne b’i Righ Seòras V am bàta, agus chan urrainn dhuit gun chuimhne bhith agad air na funailean dearga agus an toiseach seang. Do nigheanan beaga b’e bàta mòr a bh’innte: bha an deic farsaing le uinneagan beaga a’ sìneadh son mhìltean; bha an seòmar-bidhe le anart geal is poitean-teatha airgid; bha rùm an einnsean, ‘s sinn a’ coimhead air le iongnadh, gleansach agus torghan aige.

Iomadh turas on uairsin chaidh mi air an dearbh shlighe seo agus tha cuimhneachain leth-cheud bliadhna air ais a’ dol a-measg gach eòlas is fiosrachadh ùr a fhuair mi thar nam bliadhnachan. Tha mi nise mothachail air na seann luchd-siubhail air Ghàidhealtachd, a’ coiseachd ‘s a’ marcachd, mus robh guth air bàtaichean-smùide. Tha mi creidsinn gur i a’ chuairt aig an Ollamh Somhairle MacIain agus Seumas Boswell ann a 1773 air an eòlaiche daoine.  Ach, o bhallachan an t-seòmair-suidhe againn aig an taigh, bha mise na b’eòlaiche air an turas-cuain aig Uilleam Daniell mu na cladaichean seo ann an samhradh 1815. Bha mi measail air na dealbhannan grinn agus mionaideach aige: sgothan fo làn-sheòl; eòin a’ plumadh; daoine snasail le còtaichean fada agus adan àrda a’ coimhead le cianalas air seann tobhta. ‘B’e Caisteal Dhùn Ollaich, aig ceann a tuath Bàgh an Òbain, aon de na cuspairean aige; bha e ‘ga fhaighinn ‘fiadhaich bòidheach’. Nuair a tha am bàta dol seachad chi mi plathadh de Chlach nan Con, stalla far an do chuir an curaidh Fionn taod air a chù Bran. Tha sgeulachdan an t-saoghail Ghàidhlig bho shean glaiste anns na cùiltean seo. Tha caolas cumhang eadar Dùn Ollaich agus eilean uaine ìosal Chearraraidh, a bha le chèile nan ionadan daingneachd aig Dùghallaich chumhachdach Latharna.

Tha beanntan Earraghàidheil is Lochabair ag èiridh mu thuath agusa a dh’aithghearr, air an deas-bhòrd, chi thu taigh-soluis Lios Mòr. Air do làimh-chlì tha ceann an earra-dheas Mhuile, cladach as an tug an cuan greimeannan mòra.  ‘S e Loch Spealbhaidh fear dhiubh. ‘S ann air a chladaichean, mar tha fios agam a-nis, a rugadh Lachann MacDhùnlèibhe ann an 1819. B’e Lachann Dubh a’ Chrògain, mar a chante ris, am bàrd agus am pìobaire-cinnidh mu dheireadh a bha aig MacIll’Eathain Locha Buidhe. Rinn e a cheanglaichean fhèin eadar na h-eileanan, air ais ‘s air adhart anns a’ bhàt’-iasgaich aige, agus tha daoine fìor mheasail air an òran a rinn a’ moladh nan sgilean marachd aig Dòmhnall an Dannsair, Dòmhnall Mac Ille Dhuibh a Lios Mòr. Tha ceanglaichean mòran nas aosta a’ tighinn gu m’inntinn cuideachd. Air Lios Mòr bha manachainn tràth anns an lìnn Chrìosdaidh, a stèidhich Naomh Moluag, a bha cho cudromach mar theachdaire ‘s a bha a’ cho-aoise Calum Cille. Aig Creag an Iubhair tha mi tionndadh chun na làimhe clì gu Fionnaphort agus a’ dol seachad air na cinn-rathaid a dh’àiteachan a chitheadh tu aig aon àm bhon a’ bhàta: caisteal calma Dhubhaird, àros nan Leathannach; Rudha an Fheòir, far am b’àbhaist an t-aiseag a bhith a’ tadhal agus far am biodh na dròbhairean a’ stad son na h-oidhche air an rathad gu na margaidhean air tir-mòr, air an turas tro Chearrara.

Bhithinn a’ tadhal air Lionel agus Barbara Leslie a thòisich, ann an 1946, gu h-ìnnleachdach ag ath-nuadhachadh tobhta taigh-òsda nan dròbhairean. Bha meas mòr aig Lionel air obair-nàdair mus do dh’fhàs sin fasanta. Tha ròn a dhealbhaich e à cloich fhathast air na creagan fon taigh. Tha soidhne a’ comharrachadh na slighe gu Loch Buidhe, le a chearcall neo-àbhaisteach de thursachan, agus an àit-eigin gu mo làimh dheas tha Màm a’ Chlàrsair. Air a’ bheinn seo aon oidhche fhuar, a-reir na sgeòil, loisg clàrsair à Loch Buidhe a chlàrsach gus a leannan a chumail blàth, euchd laghach ach luideach oir ro mhadainn cha robh sgeul oirre, ‘s i air teicheadh leis an uachdaran òg. Tron ghleann mhòr tha rathad eile dol gu Càrsaig, far an robh, o chionn fhada, croisean air an gràbhaladh ‘s a’ chreig ann an uamha bha toirt tearmann do mhnathan-cràbhaidh à Ì Chaluim-Chille.

Tha e tlachdmhor an diugh a bhith faighinn, air feadh nan eilean, ionadan dualchais is eachdraidh teaghlaich air an giollachd gu dealasach le muinntir an àite agus le eòlas dùthchasach. Am Bun Easain agus Tobar Mhoire am Muile, agus an Ì, sin far an tòisich thu a’ cnuasachd nan cuspairean anns a bheil ùidh agad: eaglaisean eachdraidheil no ionadan-adhlacaidh, muilnean no cuairidhean, seann bhailtean no lorgan ùra loma-làn le ionmhas de aithris agus eòlas nàdair. Chan eil e furasta a dhol tro Mhuile gun a bhith crònan port air choireigin. Ri taobh an rathaid tha cuimhneachan air Dùghall MacPhàil a rinn an t-òran ainmeil An t-Eilean Muileach. Faisg air Bun Easain tha cuimhneachan eile, air Màiri NicDhòmhnaill, a rinn an laoidh Leanaibh an Àigh air a bheil daoine cho measail. Thug Iain Caimbeul, Seonaidh Chailein, Eilean Uaine nam Bàrd mar ainm air fear de na h-òrain a rinn e fhèin mu Mhuile. Bha fios aige gu robh seinneadairean, pìobairean is bàird lìonmhor fad iomadh lìnn.

Bha Seonaidh beò eadar 1905 agus 1999, agus chuireadh e dreach frogail air seann sgeul, mar gum b’ann an dè a thachair i. Mar eiseamplair, bhiodh e bruidhinn le suigeart mu Bhlàr Port Beathain, arrabhaig fhuilteach eadar Clann Ill’Eathainn agus Clann a’ Phì Cholbhasaidh ann am bàgh fo Sgùrr anns an Ros Mhuileach. Nuair a bha na boghadairean Muileach ag èaladh tarsainn a’ mhonaidh, bha iad cho ealanta le na boghannan ‘s gun sliseadh iad na cinn gheala far canach an t-slèibhe. Agus cha robh mòran cothraim aig an fheadhainn a bha teicheadh air na bàtaichean iomradh gu tèarainteachd an dèidh na h-òrdagan a sgudadh dhiubh – ‘làn naoi cuinneagan!’ chanadh Seonaidh aig crioch na stòiridh.

Aig Fionnaphort, far a bheil an luchd-turais a’ fàgail an càraichean mus tèid iad air an aiseag ghoirid gu Ì, tha rathad gu eilean Earraid. Air làithean-saora, bha am facal sin a’ ciallachadh dhuinne làn bàta de cho-oghaichean agus cuirm-cnuic air tràigh gheal, a dh’aithnicheamaid uile mar Bàgh Balfour. An latha bha mi deich bliadhna dh’aois fhuair mi leth-bhreac beag ann an còmhdach leathair de Kidnapped aig Raibeart Louis Stevenson agus, cleas an luchd-leughaidh anns gach àite, bha fios agam gur ann air an eilean bheag seo a bha Daibhidh Balfour òg a’ smaoineachadh a chaidh fhàgail. Agus do Stevenson fhèin, ann an 1870, ‘s e àite dripeil a bh’ann an Earraid. An seo bhathar a’ gearradh leacan mòra de chloich-ghràin a bha air an draghadh a-mach gu sgeir chunnartach an Torrain far an robh athair agus brathair athar Raibeirt a’ togail taigh-soluis an Dubh Heartaich.

Nuair a dh’fhàgadh an George caolas Ì aig an taobh deas, bhiodh an sgiobair ‘ga stiùireadh gu dàna tro na caoil chumhang eadar Earraid agus Eilean nam Muc. Chaidh m’athair agus caraid air tìr ann aon uair, a tharraing dealbh den bhàta a’ dol tron chaol cho luath ‘s a b’urrainn dhi. B’e an treas latha den Lùnasdal 1939 a bh’ann. Air cùl te de na dealbhannan sgrìobh e: ‘Air ar slighe leugh sinn am pàipear-naidheachd, a bha làn de chàs na Pòlainne’. Chaidh na dealbhannan aige den bhàta air an robh daoine cho measail fhilleadh ri tachartas eadar-nàiseanta a dheanadh atharrachadh mòr air a’ ghinealach aige, agus a bhriseadh cuid de na bannan ri saoghal na h-òige gu bràth tuilleadh.

B’i Gàidhlig a’ chiad chànan aig m’athair agus b’ ann an Ì a chuala mise i an toiseach. O àm Chaluim Chille bha cliù an eilein air a dhol fada thar chriochan na Gàidhealtachd. Mar phàisde, bhiodh e cur iongnaidh orm carson a bha na ceudan air bòrd an George agus a’ dol sios dha na h-eathraichean beaga dearga son a bhith air tìr son uair a thìde. Ach tha sin ‘na ùine gu leor son a dhol timcheall air cill-mhanach na meadhan-aoise, an abaid fhaicinn an dèidh a h-ùrachadh, coimhead le annas air a’ ghràbhaladh air na croisean àrda cloiche agus leacan-uaghach nan ceann-cinnidh. Tha na làraich sin uile faisg air a chèile.

Tha seanfhacal ag ràdh: Am fear a theid a dh’Ì, theid e trì uairean ann. Tìll a-rithist, ma tha! Coimhead son molagan uaine aig Port a’ Churaich, far an tàinig Calum Cille air tìr. Coisich air a’ mhachair an iar far an do thog muinntir Aois an Iaruinn dùn seasgair, far an robh na manaich ag àiteach na talmhainn, agus far an robh na croitearan a’ feurach a’ chruidh. Dìrich Dùn Ì agus faic sealladh iongantach air latha soilleir – deas gu Màman Dhiùra, tuath gu Cuiltheann an Eilean Sgitheanaich agus, seachad air Colla is Tiridhe, an iar gu beanntan Uibhist a Deas air fàire. Nar cloinn bu toigh leinn Tobar na h-Aoise, fuaran anns a’ chreig faisg air mullach an dùin. Gu h-iosal bha breacadh de chreagan, feannagan is talamh flùranach, agus muir dheàrrsach ghorm is uaine. Tha Ì sònraichte son solus is dath.

Air an rathad eadar Creag an Iubhair agus Tobar Mhoire tha seallaidhean eireachdail de Chaol Mhuile ach, mas urrainn dhuit idir, na caill cearcall an iar-thuath Mhuile fhèin. Tha an rathad a’ suaineadh timcheall air lochan mara, a’ direadh gleann a tha air ainmeachadh air an t-seilisdeir bhòidheach bhuidhe, agus a’ cuartachadh iomall-fairge iongantach làn ainmeannan o na Lochlannaich a thuinich an seo – Treiseanais, Calgaraidh, Dearbhaig. Tha Eas Forsa a’ toirt a-steach dualchas dà-chànanach Mhuile, oir tha am facal Gàidhlig ‘eas’ agus am facal Lochlannach ‘fors’ le chèile a’ ciallachadh leum-uisge. Tha iomhaighean dreachmhor rim faicinn air an t-slighe seo. ‘S e stocan sgàileach calltainn a bh’ann am Bodach Còir Ghleann Seilisdeir, dhan do rinn am bàrd Sèamas MacDonnchaidh òran agus e strì ri beò-shlàint’ a dhèanamh.

Bhiodh Seonaidh Chailein ‘ga sheinn le faram, ‘s am bodach a’ freagairt:

“O Shèamais glac do mhisneach
‘S ann air a’ chuan tha sgil agad;
O chionn ‘s chan eil thall ach cruaidh-chàs
San drèin th’ann an Gleann Seilisdeir.”

Nuair a chi mi Innis Chainnich bheag, le a chaibeal coisrigte do Chainneach co-aoise Chaluim Cille, tha mi smaoineachadh air Boswell a’ dannsa ruidhle ri ceòl na cruit-chòrda aig nighean Shir Ailean MacIll’Eathainn. Chòrd an aoigheachd shìobhalta a fhuair iad ris an Ollamh MacIain. Nuair a nochdas Ulbha – air an tug na Lochlannaich ‘eilean a’ mhadadh-allaidh’ – smaoinichidh mi air Clann ‘ic Artair aig an robh sgoil phìobaireachd ainmeil ann, air na ceudan a b’fheudar an t-eilean fhàgail, nam measg athair an fhir-siubhail Daibhidh MacDhùnlèibhe, agus air Lachlainn MacGuaire, a bhuineadh do dh’Ulbha agus a bha na riaghladair air New South Wales. Tha e fhathast a’ faighinn urram mar ‘Athair Astràlia’. Agus fada fada roimhe sin, an àm ro-eachdraidh, dh’fhàg feadhainn a bha còmhnaidh ann an uamhannan lorg air rudan air an deanamh air sligean, spor is cnàmhan.

Corra uair rachamaid air bàta a Ì gu Aiseag Ulbha a dh’iarraidh fiodh feansa.  Uaireannan eile rachamaid air tìr ann a Staffa, a’ coiseachd gu faiceallach air na clachan basailt a bha air chumadh bonn thrì sgillinn agus a-steach a’ chraos mòr Uamha Fhìnn. Tha mòrachd uabhasach Staffa air buaidh nach beag a thoirt air luchd-ealain is luchd-ciùil. Rinn Daniell co-dhiùbh naoi dealbhannan. Chuala Mendelssohn a’ chiad thèudan de roi-cheòl ann am fuaim nan tonn. An toiseach bhiodh pìobaire an cois luchd-tadhail no bhiodh sgioba a’ bhàta a’ gabhail iorraman Gàidhlig, orain iomraidh, dhaibh nuair a bha iad a’ tighinn faisg air Uamha Fhìnn. Is cinnteach gur e an Uamha Bhìnn a bha air an toiseach – an uamha cheòlmhor.

Tha bughaidean agus mòran eòin-mhara eile air bearraidhean Staffa agus Eileanan Threisnis, agus tha caochladh sheòrsa de mhucan-mara, leumadairean is cearbain anns na h-uisgeachan. Tha iadsan taitneach rim faicinn cuideachd.

“The great seas number seven, and I’ve sailed them in my day.
But there’s no place nearer Heaven, than Tobermory Bay.”

Sin rann a rinn am bàrd, bancair is sgeulaiche Aonghas Mac an t-Saoir ann an ‘Còmhradh aig Cidhe Thobar Mhoire. Bha e sònraichte math air seanchas agus is tric a dh’èisd sinn ris ‘s sinn ‘nar seasamh ris an rèile anns an George air an rathad air ais a Ì. Bha e fhèin is m’athair air a bhith còmhla anns an sgoil ‘s an Òban, a’ farpais air an raon-chluiche no a’ ceangal nam barrall-bhròg aig siochaire balaich ris an t-suidheachan air am beulaibh.

Bhiodh Aonghas a’ bruidhinn gu lùthmhor agus sinn ag èaladh a-mach dhan a’ bhàgh bhriagha. Tha mi fhathast ‘ga chluinntinn.

‘S i an t-slighe eadar Tobar Mhoire agus Cille Chòmhghain an Àird nam Murchan an dearbh thè air an do sheòl Uilleam Daniell. Ghràbhail e Caisteal Mhioghairidh, le a bhallachan làidir os cionn nan uisgeachan far a bheil beul Loch Suaineart agus Caol Mhuile a’ coinneachadh. B’fheudar do bhàta Daniell an uairsin a dhol timcheall Rudha Àird nam Murchan, ‘rudha maol, creagach is gaothach’. Tha an gràbhaladh a’ sealltainn sgoth ‘s i cha mhòr air a cliathaich ann an suaile throm, a bratach mar lasair dhearg air aghaidh grìp gruamach.

Aon earrach thadhail sinn air càirdean aig an robh seann dachaidh muinntir an taigh-sholuis air mhàl, shuas air na bearraidhean àrda sin. Thug e togail dhuinn a bhith a’ seasamh direach fon tùr, air a chur ri chèile le clach-ghràin ròs-bhuidhe Mhuile. Mòr-thimcheall oirnn chitheadh tu sgaoilteach gun choimeas de eileanan. Bha sinn aig an oir a b’fhaide an iar de mhòr-thìr Bhreatainn agus, fada fodhainn, bha na barc-thonnan a’tòcadh a-steach a doimhneachd a’ Chuain Shiar. Thàinig mi a dh’Àirdnamurchan an toiseach tro dhuilleagan leabhair, a’ chunntas thiamhaidh aig Alasdair MacIll’Eathainn air a phàrantan ag obrachadh na croite ann an Sanna ‘nan seann aois. B’e seo ciaradh an latha a’ tighinn air seòl-beatha air cladach àraidh, air a chlàradh le ionracas agus ann an rosg anns a bheil loinn mhaireannach. Tha Beinn Shianta Àird nam Murchan fo gheasaibh gun teagamh agus tha rudeigin draoidheil mun a’ ghàirdean fhada fearainn seo, saoibhir le flùraichean is beathaichean is eunlaith, fo adhar leathann Innse Gall. Thàinig manaich Ì an seo cuideachd, anns na curachan. Bhaist Calum Cille leanabh an Àird nam Murchan, agus gus seo a dhèanamh thug e fuaran uisge as a’ chreig luim.

Timcheall iomall Loch Suaineirt tha seann choille mhòr-dhuilleagach a tha gun shamhail am Breatann ann am meudachd agus ann an luach glèidhteachais. Anns na làithean a dh’fhalbh bha muinntir an àite gu sgileil a’ giollachd nan coilltean seo, agus an diugh tha Iomairt Coilltean Daraich Shuaineirt ag obair an co-bhuinn ri coimhearsnachdan na sgìre gus an àrainn àraid seo a dhìon agus a leasachadh chum buannachd nan uile. Faisg air an t-Sàilein, mar eiseamplair, tha slighe coille far a bheil seann ainmean Gàidhlig nan craobhan air an cleachdadh son an aibidil Ghàidhlig a chruthachadh. Tha an rathad a-nis a’ dol gu tuath tro bheanntan Mhùideart, dachaidh Dhòmhnallaich Chloinn Ràghnaill. Aig Loch Ailleart tha an lùb gu Malaig, a’ dol seachad air Àrasaig agus air gainmheach airgeadach Mhòrair.

Na h-ainmean ud! Fiù’s ‘gan leughadh air map no air dealbh ann am miosachan dubh is geal, bha iad a’ bruidhinn air tachartasan romansach agus deuchainneach on is cuimhneach leam. Chunnaic mi an toiseach am monadh sgaoilte seo agus na craobhan ri oir a’ chladaich a-mach air uinneag na carbad-trèana air Loidhne Siar na Gaidhealtachd, te de na sgrìoban as sgiamhaiche air rathad-iaruinn sam bith am Breatann. Ma tha thu ann an càr tha thu air do bhuaireadh gus stad a-rithist ‘s a-rithist, a dh’amharc no a mheòmhrachadh. Oir seo tìr a’ Phrionnsa Teàrlach.

Anns an t-seann chladh os cionn Àrasaig lorgaidh mi clàr fiodha mu Alasdair Dòmhnallach, Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, a tha air a thiodhlacadh an seo. Am bàrd Gàidhlig a b’fhearr anns an ochdamh linn deug, agus Seumasach gu ‘chùl, rinn Alasdair Òran a’ Phrionnsa – Teàrlach Eideart Stiùbhart a thàinig air tìr aig Loch nan Uamh anns an Iuchar 1745:

“O hì ri rì, tha e tighinn,
O hì ri rì, ‘n Rìgh tha uainn.
Gheibheamaid ar n-airm ‘s ar n-èideadh,
‘S breacan an fhèilidh an cuaich.”

Ach cha do shoirbhich leis an iomairt gus Stiùbhartach a chur air ais air righ-chathair Bhreatainn, agus beagan is bliadhna an dèidh sin fhuair Teàrlach bàta air ais dhan Fhraing air an aon chladach.

A Malaig tha aiseag goirid dhan Eilean Sgitheanach. Air cùl a’ bhàt’-aisig, mar sreath fhuamhairean, tha beanntan Chnòideirt. Air taobh eile ceann-tìre Shlèibhte tha tobhtaichean Dhùn Sgàthaich, an daingneach aig a’ bhan-rìgh ghaisgeil Sgàthach, gun tàinig an laoch ainmeil Èireannach Cuchulainn a dh’ionnsachadh ealain na saighdearachd. An diugh, aig cidhe Armadail, tha gathan na grèine a’ deàrrsadh air Àrainn Chaluim Chille astar beag air falbh. Seo far a bheil Sabhal Mòr Òstaig, a’ cholaisde tha tàladh oileanach o fheadh an t-saoghail a dh’ionnsachadh Gàidhlig agus dualchas is eachdraidh nan Gàidheal. O chionn beagan bhliadhnaichean thug mi còmhlan bhoireannach eadarnàiseanta an seo. Bha iad a Nicaragua, Aifreaga a Deas agus na Philippines, agus bhruidhinn iad ri muinntir an eilein mu bhith cumail mhion-chànain beò, mu chor bhoireannach air an tuath, agus mu spàirn gus còraichean fearainn fhaotainn. B’e conaltradh drùidhteach a bh’ann agus mairidh e air chuimhne.

Tha an càr a’ dol tarsainn air Drochaid an Eilean Sgitheanaich. Shios fodhainn tha a’ mhuir ‘na cuartagan mu na creagan agus air ar cùlaibh tha baile Chaol Àcainn, caolas Haco. Smaoinich air a’ chabhlach mhòr aig Haco, Righ Lochlainn, air acair an caolas Loch Aillse ann an 1263, deiseil gus am fearann eileanach a dhìon an aghaidh crùn Alba. Goirid an dèidh seo chuir Blàr na Leargaidh crioch air riaghladh Lochlainn air na h-Eileanan Siar.

Tha an rathad seachad air Caisteal Eilean Donnain agus Drochaid Sheile fo  sgòr-bheannan Chinn t-Sàile agus a’ dol domhainn ann an mòr-mhonadh na Gàidhealtachd. A’ tionndadh gu do làimh dheas gu ruige Inbhir Garadh gheibh thu sealladh air sgaoilteach de bheanntan àrda is lochan. Ach, nuair a tha an rathad a’ cromadh, tha mi cheart cho deònach sùil fhaighinn air cladh beag aig Moneargaidh far a bheil clach mhòr a thug, a-rèir aithris, Alasdair Mòr a’ Bhòchdain ann air a dhruim. Thurchair mi air sgeulachd Shandaidh Mhòir nuair a bha mi rannsachadh òrain is sgeulachdan air slighe Seòlaid a’ Ghlinne Mhòir. Air a chlaoidh fad bhliadhnaichean le taibhs a bha sabaid ris aig a h-uile cothram, cha d’fhuair Sandy caoidhteas an fhir a bha ‘ga lèireadh gus an do dh’èigh e àird a’ chlaiginn: ‘O Dhia, beannaich mi! Tha mi fàs sean...’ Sheas am bochdan air ais agus bha a’ gheasachd seachad.

Tha mi siubhal na pàirt seo den rathad gle thric a-nis agus chan fhàs mi sgith dhe, gu h-àraidh ann an dathan saidhbhir an fhoghair no solas neamhnaideach latha ciùin geamhraidh. Uaireannan, son caochladh seallaidh fhaicinn agus gu h-àraidh an sealladh as fhearr air monadh mòr Nibheis, tionndaidhidh mi gu deas aig Drochaid an Aonachain air an taobh-rathad a Gearrlòchaidh. Aig Banabhaidh tha Staidhre Neptune, ochd ceumannan-uisge sios chun na mara aig ceann Seòlaid a’ Ghlinne Mhòir. Is iomadh nabhaidh le Gàidhlig a thug slaic le piocaid air na clachan mòra sin. Faisg air tha a’ Chorpaich, far am biodh cisteachan-laighe nan rìghrean ‘s nan cinn-feadhna a’ stad mus rachadh iad air birlinn gu ruige Ì.

Tha an A82 ri taobh an uisge son a’ mhòrchuid den t-slighe th’air fhàgail, tro Dhiùrar is an Apainn, dachaidh an fhir air an robh Ailean Breac Stiùbhart ann an leabhar Stevenson Kidnapped air a stèidheachadh. B’e urchair a chaidh a losgadh an seo an t-sradag cheannairceach mu dheireadh an dèidh Chùil-lodair. Tha carragh-cuimhne Sheumais a’ Ghlinne, a chaidh a chrochadh airson na h-eucoir, air cnoc dìreach os cionn ceann a deas Drochaid Bhaile Chaolais. Bha a chnàmhan a’ tulgadh fon a’ chroich fad iomadh bliadhna, mar rabhadh cruaidh do dhaoine bha fhathast a’ cur taice ri cùis nan Seumasach. ‘Se ionad sòlaimte agus cumhachdach a th’ann.

Sios tro Bharra Calltainn is Meadarloch far, a-rèir aithris, an do chuir Deirdre nan Deur, a bhana-ghaisgeach Èireannach, seachad laithean sona a h-òige. Ma bhios e an dàn dhomh is dòcha gun tèid mi tarsaing air Drochaid Choingheil aig tràghadh an làin nuair a bhios easan ainmeil Lòra a’ dòrtadh a-mach le sraon a Loch Èite. Air a’ Chearcall Ghàidhlig seo lorgaidh neach uirsgeul is uaigh, fir-eaglais agus fir-ceàirde, eachdraidh agus eòlas, uile ann an àrainneachd nàdair a tha miorbhaileach.

O mhullach Bealach an Rìgh – agus caite ‘n teid thu steach do bhaile air doras cho flathail? – tha thu aig deireadh a’ chearcaill, le Bàgh an Òbain air ais ‘na do shealladh. Agus, aon uair eile, tha mi cluinntinn nam faoileagan.