Cearcall: Cuairt phearsanta às an Òban gu Barraigh, Èirisgeidh, Uibhist a Deas, Beinn na Fadhla, Uibhist a Tuath, an t-Eilean Sgitheanach agus Malaig |
Saoilidh mi gu bheil gluasad no siubhal no imrich glè dhomhainn ann an psyche a' chinne-daonna, agus tha fhios gum buin na siùbhlaichean mòra a tha sinn uile a' dèanamh anns an 21mh linn dhan t-seann nàdar sin a thug oirnn uile, airson mìle diofar adhbhair, gluasad, imrich agus taisdeil. Agus faighinn a-mach. Faodaidh tu coimhead air cuairt sam bith gu sìmplidh, mar rud practaigeach – mar rud a dh'fheumas tu a dhèanamh, gluasad bho A gu B cho luath 's a ghabhas. Faodaidh i a bhith na chuairt glè iomagaineach – ‘An ruig mi ann an àm? Càit am fuirich mi? A bheil airgead gu leòr agam son mo thuras? Am feum mi clàradh air a' bhàta ro-laimh? Dè a thachras ma...’ Air neo, air an làimh eile, faodaidh e bhith na chuairt làn aoibhneis agus toileachais – ‘A bheil na sgeulachdan ud mu Fhionn, an gaisgeach mòr Gàidhealach, dà-rìreabh fìor? A bheil na sìthichean ud ann gun teagamh? An robh gu dearbha seann leigheas Gàidhealach ann a bha ag ràdh ‘Cuir naoi naoidheanan eòrna fo chloich agus siùbhlaidh na foinneachan?’ An robh, ann an dà-rìreabh, leigheas airson stamag ghoirt a bha dol mar seo: ‘Nuair a tha an t-euslainteach ann am fìor èiginn, cuir ròpa timcheall a chasan agus croch e bho shàilean bho na sailthean. Dèan seo cho tric agus a tha reusanta. Fuasglaidh seo an snaoim na mhionach.’ Dè cho tric agus a tha 'reusanta', tha mi faighneachd dhomh fhìn!? Dè an ìre gu bheil na seann dòighean fhathast a' maireachdainn san 21 linn? An cluinn thu fhathast Gàidhlig air a bruidhinn gu nàdarra? Aidh. An cluinn thu fhathast laoidhean àlainn Gàidhlig air eilean Bharraigh, agus an cluinn thu fhathast na sailm mhòra dhrùidhteach air an seinn an Uibhist a Tuath? Aidh agus aidh. Mar gach nì eile, gheibh thu an rud leis an tàinig thu, a cheart cho math 's a gheibh thu an rud ris an robh dùil – air neo ris nach robh dùil sam bith – agad. Tha a' chuairt a tha thu a' dol a ghabhail, na mo bheachd-sa, cho math le cuairt sam bith air feadh an t-saoghail. Ceart gu leòr, chan ann tro na raointean-deigh dhan Antartaig cleas Shackleton, no timcheall Rubha a' Chip mar Magellan, no gu sìorraidh siar gu flaitheanas mar Naomh Brianan, ach tha i gad thoirt tro chuan agus tro thìr a tha a cheart cho àlainn, eachraidheil agus prìseil ri oisean sam bith eile dhen t-saoghal mhòr seo. Seo againn àrainneachd mhòr fhosgailte: iarmailt fharsaing, uisgeachan deàlrach, glinn is monaidhean, aibhnichean tuilteach, iolairean is seòbhragan, bailtean air am fàsachadh agus coimhearsnachdan cuideachd làn-bheò. Seo agad àrainneachd far a bheil cothromachadh a chùm nan nèamh, le barrachd adhair, mar gum bitheadh, na talamh. Sin as adhbhar dhan t-solas a chì thu an seo aig amannan – solas a tha tana, liath-ghorm, soillseach aon latha agus dorcha trom tùrsach an ath latha. Chan eil e gu mòran diofair an tòisich thu a' chuairt seo san Òban air neo ann am Malaig: 's e an t-astar agus na h-àiteachan agus na daoine eadar an dà cheann-uidhe a tha cudromach, air neo co-dhiù fa-near dhomh an seo. Thòisicheadh mo chuairt fhèin san Òban, far an do chuir mi seachad bliadhnachan m' òige air Eilean Shaoil, tarsainn drochaid ainmeil na h-Atlantaig. Faisg air làimh tha na h-eileanan àlainn eile: Luinn is Eisteal is Beul na h-Uamha – Eileanan ainmeil nan Sglèat a chòmhdaich iomadach mullach-togalaich air feadh an t-saoghail mhòir, eadar Nirribhidh agus Sealan Nuadh. Ach mus seòl thu a-mach às an Òban dha na h-Eileanan Siar, feuch gun gabh thu an cothrom eòlas fhaighinn air dualchas Gàidhlig Earra-Ghàidheal, bho Chnapadal sa cheann-a-deas dhan Apainn sa cheann-a-tu ath, eadar Cruachan Beann san taobh sear agus Eilean Ì agus Tiriodh san iar. Thàinig pàirt dhem chuideachd fhèin à Earra-Ghàidheal o thùs (as a' Bhàrr a' Bhreac, deas air an Òban, agus à Muile) 's mar sin chan e iongnadh sam bith a th' ann gu bheil mi glè dhèidheil air a' phàirt seo de dh'Alba. B'e port trang a bha a-riamh san Òban, aig aon àm air ainmeachadh mar 'Charing Cross na Gàidhealtachd', agus gu h-àraidh ann an meadhan an t-samhraidh tha e fhathast airidh air an fhar-ainm sin. Dhomh fhìn, tha mi cinnteach gum b'e an t-Òban, gu ìre air choireigin, uinneag no doras a-steach dhan t-saoghal mhòr. An saoghal mòr a tha a-nis na bhaile beag. Ann a shin chunnaic mi solais orains nan sràidean airson a' chiad turas. An sin choimhead mi le iongnadh air trèan-smùide airson a' chiad turas riamh. An sin chunna mi telebhisean dathte airson a' chiad turas. An sin, chunna mi Lauren Bacall air an sgrìn mhòr airson a' chiad turas. Ach nas cudromaiche na iad sin uile, b' ann san Òban a fhuair mi aithne agus eòlas air an t-sàr sgrìobhaiche, Iain Crichton Mac a' Ghobhainn, aig an robh flat beag sa bhaile. B' ann an seo, fa chomhair nan soitheachan a' tighinn 's a' falbh, a rinn Iain strì bhàrdail ri bhith eadar dà shaoghal – le dà-chànanas, eilthireachadh, tighinn dhachaigh, lagh is gràs, a' fuireach no falbh. 'S mar sin, gach uair a sheòlas mi a-mach às an Òban, no à caladh sam bith eile, bidh mi cuimhneachadh nam briathran drùidhteach aige air mar a b' fheudar do dh'iomadach Gàidheal a dhùthaich fhàgail, airson adhbhar air choireigin: “A liuthad soitheach a dh'fhàg ar dùthaich A' fàgail an Òbain fhèin, seòlaidh tu eadar cuan is fearann: eileanan Chearrara 's Lios Mhòir 's Mhuile air aon taobh agus tìr-mhòr na Morbhairne air an taobh eile. Dol seachad air Rubha Àird nam Murchan – am pìos fearainn as fhaide siar air mòr-roinn Bhreatainn – tha thu a' dèanamh air a' Chuan Bharrach, le na h-Eileanan Beaga, Eilean nam Muc, is Eige is Rum is Canaigh gu tuath agus Cuilitheann àrd an Eilein Sgitheanaich seachad orrasan. Chì thu Cola creagach, agus Tiriodh ìseal gu deas, agus a-null mud choinneamh paidearan nan eilean siar, Ceann Bharraigh gu deas, an uair sin Uibhist, agus beanntan àlainn na Hearadh air fàire beagan gu tuath. Aig na h-amannan sin bidh mi daonnan cuideachd a' cuimhneachadh gur e seo an dearbh shealladh a chunnaic na Lochlannaich mhòra fhèin nuair a sguab iad a-nuas bhon tuath nan cuid bhirlinnean o chionn còrr is 1000 bliadhna, agus gum b'e seo cuideachd a bha fo chomhair Tighearnan nan Eilean fhad 's a bha iadsan a' riaghladh an seo airson nan ceudan de bhliadhnachan. Air an t-seòladh seo bhon Òban 's e Eilean Bharraigh a' chiad àite air an tadhail thu: agus abair àite sònraichte son tadhal! Ann am Bàgh a' Chaisteil fhèin tha Caisteal Chìosamal suidhichte, tùr ainmeil MhicNèill Bharraigh. Coltach le gach ceann-cinnidh eile, bha a phìobaire fhèin aig Fear Bharraigh: 's tha iad ag ràdh gum biodh am pìobaire a' cluich gach oidhche mus gabhadh MacNèill a dhìnnear. Aon uair 's gun suidheadh MacNeill, chanadh e an uair sin: ‘Tha Fear Bharraigh air suidhe. Faodaidh an còrr dhen t-saoghal ithe a-nis!’. Is math as d' fhiach Eilean Bharraigh deagh ùine a chur seachad ann. Tràighean iongantach, nam measg Tràigh Eòiligearraidh, far am bi an t-itealan a' laighe gach latha. An seo, mar ann an iomadach eilean eile, bu chòir dhut Gàidhlig a chluinntinn air a bruidhinn mar chànan-làitheil anns na bùithtean, ann an oifis a' phuist, air na busaichean agus anns na taighean-òsda. Gu seachd cinnteach, tha fhios gun cluinn thu a' chainnt air a labhairt 's air a seinn aig na cèilidhean a bhios a' dol air feadh nan eilean. Chan eil fhios agamsa a bheil aon sealladh san t-saoghal mhòr a tha cho brèagha ri machaire Bharraigh no Uibhist fhaicinn còmhdaichte ann an dìtheinean san tràth-shamhradh: tha fhios gu bheil sealladh de thràigh Eòiligearraidh loma-làn sheamragan is bhuidheagan sa Chèitean cho faisg 's a gheibh sinn air an taobh seo de shealladh air nèamh fhèin. Mura stad thu gu sìorraidh ann am Barraigh ('s cò a chuireadh coire ort airson a leithid?), 's e Eilean Èirisgeigh an ath stad agad. Eilean a tha cheart cho tarraingeach. An seo, air an tràigh bhòidheach ris an can iad a-nis 'Coilleag a' Phrionnsa', chuir Teàrlach Eideard Stiùbhart ('An Suaithneas Bàn') cas airson a' chiad uair riamh air talamh tròcair na h-Albann. A' chiad cheum air a' chuairt thubaisteach a thàinig gu ceann fuilteach air raointean lom Chùil Lodair, far an do bhàsaich an aisling mhòr – gum biodh Alba Stiùbhartach, Caitligeach agus 's dòcha Gàidhealach – air an fhraoch. Tha eaglais air leth brèagha an Èirisgeigh – Eaglais Naomh Mhìcheil na seasamh daingeann air spiris cloiche àrd os cionn an eilein, às am faic thu sealladh iongantach a-null a dh'Uibhist a Deas. Rugadh agus thogadh mise ann an Uibhist a Deas, 's mar sin tha àite air leth aig an eilean àlainn sin nam chridhe, ach fiu 's a' cur a' chàirdeis nàdarra sin gu aon taobh, chan eil mòran teagaimh agam nach e Uibhist fear dhe na h-àiteachan as bòidhche ann an Alba gu lèir. Tha a h-uile nì an seo: coimhearsnachdan beò, tràighean àlainn, àrainneachd air leth, agus air an taobh sear beanntan cho brèagha agus a th' ann – A' Bheinn Mhòr, Corghadal agus Teacal. Seo agad Tìr a' Mhurain, Tìr an Eòrna, mar a tha an seann òran ga chur. Mìltean mòra de thràighean geala gainmhich, air nach faic no nach cluinn thu duine beò mura cluinn thu na h-eòin, eadar na sgairbh agus na gillean-brìghde. O chionn ghoirid cheannaich muinntir Uibhist a Deas an t-eilean dhaib' fhèin agus tha iad trang a' feuchainn ri fear dhe na seudan a tha aca a leasachadh: raon-ghoilf Aisgeirnis a chaidh a dhealbh bho thùs le Seann Tom Morris. Ach os cionn àrainneachd is eile, is e na daoine fhèin an rud as prìseile an Uibhist. Seo aon àite far an do chùm cruitearachd sluagh anns na bailtean, agus tha dùbhlan mòr fhathast ro na Gàidheil dèanamh cinnteach gu bheil siostam cruitearachd air a dhìon gus an tèid na seann dòighean chan e a-mhàin a chumail ach a leasachadh gu h-organach son na 21mh linn. Tha fhios an seo gu bheil sinn aig teas-meadhan Cearcaill na Gàidhlig: ann an Uibhist a Deas, ann am Beinn a' Bhadhla, ann am Flodaigh, ann an Griomasaigh, ann an Uibhist a Tuath, ann am Beàrnaraigh. Tha comharran gu leòr tro na h-eileanan àlainn sin gu bheil cùisean cuideachd a' crìonadh: chan eil agad ach coimhead air na seann làraichean, leithid Caisteal Ormacleit 's Caisteal Bhuirgh ann am Beinn a' Bhadhla agus air Teampall na Trianaid ann an Càirinis son tuigsinn gu bheil tìm is cinneamhain a' bualadh air gach nì. Ach aig an dearbh àm chì thu cuideachd rudan eile a' fàs agus ag ùrachadh, eadar an Fhèis iongantach sin Ceòlas a bhios a' gabhail àite ann an ceann-a-deas Uibhist a Deas gach toiseach samhraidh, agus an obair bheothail a thaobh nan Ealain a tha Taigh Chearsabhagh a' dèanamh aig ceann eile Uibhist a Tuath. Tha an t-eilean a tha sa mheadhan, Beinn a' Bhadhla, air ionad armachd agus na mìltean de shaighdearan 's de choigrich fhàilteachadh a-nis o chionn còrr is leth-cheud bliadhna, agus air tighinn às slàn sàbhailte: 's dòcha fianais, na dhòigh fhèin, a dh'aindeoin nan cunnartan mòra a tha romhainn uile a thaobh na h-àrainneachd, gum faigh sinn troimhe fhathast le furtachd is ciall is foighidinn. 'S dòcha fhathast gun tèid dualchas an aghaidh nan creag. Tha goireasan air leth am Beinn a' Bhadhla, deagh chuid dhiubh suidhichte ann an Sgoil Lìonacleit, far a bheil leabharlann, taigh-bìdh agus amar-snàimh poblach am measg eile. Chaidh beannachd na bàrdachd a bhuileachadh air iomadach sgìre dhen Ghàidhealtachd, agus bha Uibhist a Tuath air leth beannaichte gum buineadh dithis cho math agus a bh' againn dhan eilean àlainn seo – Iain MacCodrum a bhuineadh dhan 18mh linn agus Dòmhnall Ruadh Chorùna a bhuineadh dhan 20mh linn. Coltach ri mìltean de bhalaich Ghàidhealach eile, b' fheudar do Dhòmhnall Ruadh Chorùna a dhol dha na trainnsichean fuilteach sa Chogadh Mhòr, agus ri linn sin dh'fhàg e fear dhe na h-òrain gaoil as taitniche a th' againn: An Eala Bhàn. Mar iomadach bàrd eile, ge-tà, bha Dòmhnall Ruadh fhèin mothachail nach e dìreach na trainnsichean a sguab an òigridh air falbh o Ghàidhealtachd na h-Alba. Chaidh na glinn 's na h-eileanan fhalamhachadh tro na linntean le Fuadach, Eilthireachd agus Foghlam, ach cha b'e na bhàsaich air raointean-cogaidh an t-saoghail am fear bu lugha dhiubh sin. Nach e bha mothachail air cho buan agus marbhtach 's a bha gach blàr is cogadh: “Ghillean, march at ease! Tha fhios gur e a' mhìorbhail gun tàinig neach idir beò as an lèirsgrios. Tha fhios gur e a' mhìorbhail cuideachd gu bheil sluagh idir air fhàgail an Uibhist is eile, agus gu bheil a' Ghàidhlig fhathast slàn beò, lag agus briste 's gu bheil i. Agus mar dhearbhadh beag air a sin 's dòcha gum bu chòir dhuinn cuideachd ainmeachadh gur ann à Uibhist a Tuath a thàinig dà dheagh bhàrd eile a tha air cur gu mòr ri ath-leasachadh na Gàidhlig o chionn bhliadhnachan – Calum agus Ruairidh Dòmhnallach, balaich Runrig. Tha Cuan Uibhist – air neo An Cuan Sgìth a rèir mar a choimheadas tu air! – a' sgaradh Uibhist on Eilean Sgitheanach, ach air latha brèagha samhraidh chan eil cuairt-mhara a tha cho dòigheil (air droch latha geamhraidh, gun teagamh sam bith, 's e naidheachd eile a th'ann...). Chan eil a' chuairt-mhara ach beagan is uair gu leth, mar sin a' toirt cothrom dhut sùil a thoirt air na seallaidhean agus cuideachd biadh ithe air bòrd. Tha e cudromach cuimhneachadh aig na h-amannan seo gu bheil an cuan cuideachd gar ceangal, a bharrachd air a bhith gar sgaradh. Aig aon àm b'e na cuantan mòr-rathaidean an t-saoghail. Ann an saoghal a tha air a shìor sgaradh o chèile (a dh'aindeoin gach siubhail is conaltradh dealantach is eile) tha fhios gu bheil e cudromach cuideam a chur air na rudan a tha gar ceangal còmhla seach air na nithean a tha gar sgaradh – ar sgeulachdan. Fhad 's tha thu a' dol tarsainn a' Chuain Sgìth, carson, mar eisimpleir, nach cuimhnich thu air an t-seann sgeul air mar a bhiodh an dà fhuamhaire a' seinn tarsainn na mara gu chèile tràth gach madainn agus anmoch gach feasgar – fiù's mus tàinig an t-eadar-lìon bha e riatanach agus prìseil a bhith a' conaltradh ri chèile! 'S e an t-Eilean Sgitheanach fhèin an daoimean anns a' chearcall! Chan e gu bheil mi a' taobhadh ris an eilean, 's mi a' fuireach ann! Ach bu chòir dhut èirigh na grèine fhaicinn os cionn a' Chuilithinn! Air neo dol fodha na grèine on taobh siar a-null taobh Chanaigh is Eige is Ruma is Eilein nan Muc, a-mach gu oirthir an t-saoghail mhòir! Bu choir dhut Cuithe Fhraing fhaicinn, tuath air a' bhaile mhòr, Port Rìgh! Nam faiceadh tu Camas Fhionnairigh! O, nam biodh tu air Somhairle MacGill-Eain a chluinntinn ag aithris a chuid bàrdachd (rud as urrainn dhut a dhèanamh a-nis air aneadar-lion-eadar-nàiseanta: www.sorleymacleantrust.org). O, nan cluinneadh tu fear, no tè, de phìobairean an Eilein Sgitheanaich a' seinn a' chiùil-mhòir aig Pàdraig Mòr MacCriomain, 'Cumha na Cloinne', gu seachd àraidh ann an Talla Mhòr Chaisteal Dhùn Bheagin! Bu chòir dhut a dhol a dh'iasgach air fear de lochannan àlainn an eilein! No a choiseachd. No thalla air bus sam bith a dh'àiteigin son an latha. Bu chòir dhut tadhal air Gàrraidhean Caisteal Armadail. Bu chòir dhut, gu cinnteach, tadhal aig Sabhal Mòr Ostaig. Cuir d' ainm ri cùrsa Gàidhlig, fiù 's aig astar: chan eil e gu diofar a bheil thu a' fuireach ann an Ankara air no ann an Alasga, dh'fhaodadh tu fàs fileanta sa chànan phrìseil seo, tro theicneolas eadar-nàiseanta. Aig a' char as lugha ionnsaich mar a dh'fhuaimnicheas tu na h-ainmean-àite fhad 's a tha thu an seo: tha gach soidhne-rathaid, dìreach mar a tha na soidhnichean-poblach aig CalMac fhèin, a-nis ann an dà chànan, a' toirt taisbeanadh làidir lèirsinneach dhan a' Ghàidhlig. Gabh beachd air an dòchas a tha an lùib foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, gum mair a' chànan fhathast a dh'aindeoin gach gàbhaidh. Agus an uair sin – mo chreach! – fàgaidh tu èden! Tillidh tu gu tìr-mòr, taobh Mhalaig: àite-tòisichidh (air neo àite-crìochnaichidh) son tè dhe na cuairtean rèile as iongantaiche san t-saoghal cuideachd, tro Ghleann Fhionghain sìos dhan Ghearastan, agus bhuaithe sin gu ceithir ranna ruadha an domhain. Tha cearcaill, mar a thuigeas sibh, gun chrìch. Is e mo dhòchas-sa gun toir thu Cearcaill na Gàidhlig còmhla riut, aig a' char as lugha mar mhac-talla san eanchainn agus anns a' chuimhne: gum bi na daoine ris an do choinnich thu agus na h-àiteachan a chunnaic thu air a' chuairt seo nam pàirt bunaiteach dhe gach cuairt eile a ghabhas tu. Ionnsaich beagan dhe na sgeulachdan fhad 's a tha thu an seo. Ionnsaich beagan dhen chànan. Thoir seanfhacal, no òran, no ùrnaigh no cuimhne no dòchas no fiù s' tòimhseachan air ais dhachaigh còmhla leat – seo fear, mar eisimpleir: “Thèid e dhan mhuir 's cha bhàthar e, O, dè eile a th' ann ach – 'A' Ghrian'! Chan eil fhios a'm an do thog sibh riamh slige-chruinn bhon a' chladach: chì thu cuideachd loidhnichean agus cearcaill air na sligean brèagha sin. Beag agus briseach, ach air an neartachadh le tìm is seòl-mara, tha na sligean sin an dà chuid ceanalta agus fìnealta. Ma chuireas tu rid chluais i , tha iad ag ràitinn gun cluinn thu fuaim na h-ataireachd àird: meatafor cho freagarrach 's a th' ann mun chuairt a ghabh sinn, agus mu na h-eileanan tro na ghabh sinn i, far a bheil rud beag bìodach brèagha a' labhairt le guth gaisgeil maireannach. Tha mi an dòchas nach e dìreach cuairt bho A gu B a bha seo, ach cuairt bho A gu Z (no Ailm gu Ur mar a bhiodh againn sa Ghàidhlig), agus gu dearbh air ais a-rithist, bhu U gu A. |